Skip to main content

‹‹‹ prev (152) AdvertisementAdvertisement

(154) next ››› Page 26Page 26

(153) Aireamh 7, Supplement - Gaidheal Og
Leabhar I
\\ CiAIDHEAL OCJ
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
IUCHAR-LUNASDAL, 1949 Aireamh 7
Hao an i-Si ■,onai<‘li
Le MURCHADH MAC-AN-TU AIRN El R
CHAN ’EIL teagamh nach cuala sinn uile
iomradh air Mac an t-Sronaich a bha cho
ainmeil anns na h-Eileanan an lar ceud
bliadhna air ais. B’e seo fear-reubainn a rinn
mort is marbhadh is goid.
Chan ’eil cinnte co as an tainig e, ach is e
barail a’ chuid as motha gur ann a Cinn-t-saile
a bha e, ged a chuir e seachad a bheatha anns
na h-Eileanan. Shiubhail e na h-Eileanan
bho Leodhas agus air feadh an Eilein Fhada
agus dh’fhag e cuimhneachain as a dheidh.
Bhiodh e ag goid chaorach agus ag cadal a
muigh ann an cam no an uaimh.
Cha d’fhuaras a mach m6ran.de na rinn e an
Leodhas, ach tha beul-aithris ag radh gur ann
am beanntaibh Uige a bha e ag comhnaidh.
Bha e ag cur muinghin anns na beanntaibh agus
thubhairt e, “Fhad ’s a chumas mise beanntan
Uige cumaidh beanntan Uige mi.”
Thainig e do na Hearadh, agus tha cunntas
air a thoirt air iomadh mort a rinn e fad’s a bha
e ann. Seallaidh an sgeul bheag a leanas cho
borb, an-iochdmhor is a bha e.
Ann am baile beag air taobh an ear na Hearadh
ris an abrar Cluir choinnich Mac an t-Sronaich
ri seann duine is e a’ dol dhachaidh le cliabh
eisg aige air a mhuin. Chaidh Mac an t-Sronaich
an-sas ann ach tharr am bodach as le a bheatha.
An uair a rainig e a dhachaidh dh’iarr e-air an
teaghlach cadal anns an t-sabhal. Rinn iad
seo agus mu dha uair sa’ mhadainn dhuisgeadh
iad le geumnaich a’ chruidh ann an ceann
de’n taigh-chomhnaidh. Dh’eirich iad agus
fhuair iad an taigh ’na theine ach chaidh aca
air an crodh a shabhaladh.
Air an rathad sios gu deas thadhaill Mac an
t-Sronaich ann am Pabaidh. Thainig e gu
taigh araidh ach cha robh duine a staigh ach
leanabh beag ann an creathall. Bha an
leanabh beag ag gaireachdaich ris agus mharbh
e le bhiodaig e. Bha balach beag eile ’na
shuidhe ri taobh an teine ag criomadh cnaimh.
Bha Mac an t-Sronaich a’ dol ’ga mharbhadh
ach dh’iarr an giullan air fhagail gus an
criomadh e an cnaimh air fad. Dh’fhag e
esan beo.
Chaidh e a dh’Uibhist leis an t-aiseag a
ghabhail a Bearnaraidh. Is ann anns an
Eilean Sgitheanach a chaidh a ghlacadh. Bha
e a muigh air an rathad eadar an Aodann Bhan
agus Dim-bheagain feuch am faigheadh e neach
a chreachadh. Choinnich fear ris an deidh
tighinn bho’n iasgach mu dheas agus bha
sporan lan aige a’ dol dhachaidh. Thug Mac
an t-Sronaich ionnsaigh air agus bha aige ri
a chuid airgid a thoirt seachad air son a bheatha.
Thainig e dhachaidh dubhach, bronach agus
dh’innis e dhaibh a staigh mar a dh’eirich dha.
Bha brathair aige a bha am barail gach neach
gorach. Chuala esan mar a thachair ach cha
do leig e dad air. Chruinnich e poca shligean
agus dh’fhalbh e air an rathad a ghabh a
bhrathair, ma b’fhior a’ tighinn dhachaidh
bho’n iasgach. Choinnich e ri Mac an t-Sronaich
agus chaidh a chuid airgid iarraidh air.
“Cha bhi aig duine ri radh,” ars am balach,
“gun tug mise dhuit airgead. Tog as a siud
e!”
Thilg e am poca air an rathad mhor. Chrom
Mac an t-Sronaich ’ga iarraidh agus tharraing
am balach air leis a ’ chuaille a bha aige. Chaidh
Mac an t-Sronaich ann an tuaineal agus ghearr
an gille feith mhor cul a choise. Dh’fhalbh am
balach agus leig e fhaicinn do na maoir-shithe
an rud a rinn e. Thainig iadsan do’n aite far
an do thachair seo ach cha robh sgeul air Mac
an t-Sronaich.
Thachair gu robh sneachda air an talamh aig
an am agus lean iad a chuid lorgan agus an
fhuil anns an t-sneachda. Threoraich seo iad
gu taigh a mach as an Aodann Bhan agus dh ’iarr
iad air a’ bhoireannach a thainig a mach Mac
an t-Sronaich a chur a mach as an taigh.
Thubhairt ise nach b’aithne dhi fear de’n
ainm sin ach rannsaich iad an taigh. Cha
d’fhuaras sgeul air Mac an t-Sr6naich.
Dh’fhosgail iad ciste-mhine ach cha robh Mac
an t-Sronaich an sin. Mhothaich fear dhiubh
gu robh a’'mhin ard anns a’ chiste, agus chaidh
na buird air an robh a’ mhin a thoirt air falbh
agus bha Mac an t-Sronaich an sin. Bha da
urlar anns a’ chiste-mhine. Dh’aidich am
boireannach gur e a brathair a bha ann am Mac
an t-Sronaich.
Thug iad Mac an t-Sionaich air falbh do
Inbhir-nis agus chaidh a chrochadh an sin.
Mun deachaidh a chrochadh dh’fhaighnichd-
eadh dheth de na tri nithean mu a bu mhotha
a ghabh e aithreachas riamh. Thubhairt e gur
(An cbrr air t.d. 28)
— 25 —