Skip to main content

‹‹‹ prev (65) Page 33Page 33

(67) next ››› Page 35Page 35

(66) Page 34 -
C latJi - ]flhiillaic*li Caii'ii
Ah lloilglieiN
Iteic* na li-Onalre
Ge air bith ball de an chorp anns am buail
galar air duine, tha buaidh na trioblaide, air a’
cheann mu dheireadh, a’ ruigheachd a’ chridhe
agus na h-eanchainne, agus mar sin a’ milleadh
buadhan a’ chuirp air fad. Tha a’ chuis co-
ionann a thaobh na Gaidhlige. Ged is ann sa’
Ghaidhealtachd as leir dhuinne easlaint ar
canaine an diugh, cha b’ann idir an sin a
thoisich an trioblaid. Thoisich an galar an cixirt
righrean Albann, agus an ainfheoil bhuirbein-
each a nochd i fhein an sin naoi ceud bliadhna air
ais, tha i air leudachadh a nis gu ruig na
h-eileanan as iomallaiche an Innse-Gall.
Chan ’eil anns a’ Ghaidhealtachd ach mar
gum b’eadh mxr de chorp Albann. Is sin ni a
tha Gaidheil agus Albannaich eile ro-ealamh air
a bhith a’ di-chuimhneachadh, agus ann a bhith
a’ dearmad sin tha iad iomadh uair a’ dol fada
air seachran. Bhiodh e ro-fheumail gu robh
iadsan aig a bheil leigheas na Gaidhlige anns an
amharc ag cumail cor agus eachdraidh Albann
daonnan fa chomhair an sula, oir gach ni a tha ag
oibreachadh cron Albann tha e aig a’ cheart am
a’ deanamh call nan Gaidheal, agus gach ni a
tha chum leas nan Gaidheal agus piseach na
Gaidhlige tha e gun cheist a’ meudachadh maith
Albann air fad. Tha cor na Gaidhlige agus
staid Albann an daimh cho dluth is nach ’eil e
glic a bhith ag cur dealachaidh eatorra, no a
bhith a’ beachdachadh orra air an sgaradh bho
a cheile.
Thug righrean Shasainn, air ceann an cuid
armailtean, iomadh ionnsaigh air Alba a chur fo
chis, ach cha deachaidh leo. Gidheadh, an nl a
dh’fhairtlich air a’ chlaidheamh, thug cleamh-
nas agus clichdeachd gu buil. An toiseach an
t-samhraidh, anns a’ bhliadhna 1603, dh’fhag
Righ Seumas ar ceann-bhaile, Diin-Eideann,
agus thug e a chiiirt rioghail gu ruig Lunnainn,
priomh chathair nan Gall an Sasainn. Is liutha
Gall agus Gaidheal fiughail a mheall seanas an
taoibh dheis air falbh a Albainn bho an latha sin.
Anns a’ bhliadhna 1707 chuir Achd an Aonaidh
a’ chlach-mhullaich air cam ar doilgheis
air a’ bheallach sin. Chaill muinntir Albann
an coir agus an cothrom air cuisean an tire fhein
a riaghladh. An Taigh Mor nan Cumantan an
Lunnainn tha guth beag, tiichanach nan
Albannach air a mhuchadh. Le deich
Sasannaich mu choinneamh gach aon Albann¬
aich, deachdar laghannan a tha chum mor
dhochann do Albainn, agus air a’ mhodh
cheudna air agartas Shasainn bacar reachdan a
bhiodh ro-bhuannachdail do shluagh ar duthcha.
Bha cairdean Shasainn ag cur iomchoire gu
leor air an Ridire Ualtar Scot, a chionn gun do
ghabh e air fhein sgriobhadh mar seo mu ar
luchd-conaltrachd aig am an Aonaidh: “An
uair cheangail iad ri masladh an duthcha duil ri
beartas agus buannachd dhiomhair dhaibh fein,
chan urrainn sinn an saoradh bho an chasaid seo,
gun do reic iad araon an onair fhein agus onair
Albann. ’ ’ Agus ged bha na briathran car
tuaileasach bha freumh na firinne aig an Ridire
ghleusda. Oir mur do reic iad siud da-riribh an
onair fhein, gu firinneach thug iad ceum
ciamhair, tuisleach, agus trid an chunnraidh
chearbaich ud liubhair iad do mhuinntir
Shasainn araon dlighe an cineil agus saorsa an
cuid chloinne.
Faodaidh e a bhith gun do choisinn iomadh
Albannach ainm mor dha fhein agus cuibhreann
chuibheasach de mhaith an t-saoghail seo mar
thoradh air an Aonadh; gidheadh, rinn an
t-Achd ud call nach gabh tomhas do Albainn.
Tha sinn a’ faicinn aireamh sluagh ar duthcha a’
dol an lughad. Tha earrann mhor de ar maoin
agus de ar malairt air falbh gu deas agus tha an
corr a ’ teicheadh. Tha eadhon cuid mhor de an
toradh as priseile a tha ar rioghachd ag arach,
oigridh ar n-oil-thaighean, a’ togail orra gach
bliadhna agus a’ deanamh an dachaidh an
Sasainn. Gheibhear luach air bathar, ach
imreachadh eilthireach ar n-oileanach tha ’na
dhosgainn nach gabh meas, ’na lochd do-
leasaichte do ar rioghachd. I.A.M.
Neanfhacail
Na feann am fiadh gus am faigh thu e.
Ge b’e fear as luaithe lamh, is leis am fiadh.
Far nach bi na feidh, cha reidh an toirt as.
Am fear nach cuir ri latha fuar
Cha bhuan e ri latha teth.
Cha leasachadh air droch obair-latha
A bhith fada gun toiseachadh.
Cha chat mi fhein nach aithnich blathach.
Cha mhath a bhith ’g innseadh nam breugan,
mar a thuirt an cat ’s am madadh ’ga shlugadh.
An uair a bhips ni aig a’ chat, ni e cronan.
— 34 —