Skip to main content

‹‹‹ prev (79)

(81) next ›››

(80)
72
An Solaraiche
is Cnoc-an-Doire-Dharaich. Ni na forsairean, aig
a bheil an toil, deagh chosnadh air an tional 'san
earrach, agus gheibh iad seachd 'sa h-ochd sgillinn
orra bho na marsantan Gallda.
A mheud agus a tha siubhal monaidh gu trie,
mar a tha ciobairean agus forsairean, aithneachaidh
iad air aileachd na lurga co-dhiu is damh no agh a
chaidh thar a’ ghruinnd rompa. Tha crodhain an
daimh na’s cruinne na crodhain na h-aighe, agus a
bharr air sin tha a cheum cho cothromach agus
gu’n leag e chas dheiridh ann an larach na te thoisich.
Tha so fior a thaobh nan damh a tha os cionn seachd
bliadhna dh’aois. Tha ceum na h-aighe na’s giorra,
agus na’s neo-chothromaiche.
Bheir mi a nis iomradh air an Damhair, bho’n
a dh’ uidheamaich sinn an damh donn le croicean
hra. Is e so an t-am anns a bheil na daimh
aig aird an treise ; an t-am sa bheil an t-sealg a’
toiseachadh, agus an t-am anns am furachaile fear na
croice ! Theid iad do’n damhair anns na frithean
air tir-mor agus na h-eileanan mu dheas aig toiseach
dara mios an fhogharaidh. Anns na h-Earadh,
agus aitean fuara gun fhasgadh geamhraidh, bidh
iad mios air deireadh. Fagaidh na daimh cuid-
eachd a cheile, agus theid iad gu ruig an fhiadhach
fein. Tha e dearbhta gu leor so. Biodh e far an
togair e an corr de’n bhliadhna, ach gheibhear e