Skip to main content

‹‹‹ prev (78)

(80) next ›››

(79)
Cuairt arms an Fhrlth
71
air a’ bharr ris an abair iad an copan. Tha na
meoir so air an suidheachadh ann a leithid a dhoigh
agus gu’n suidheadh cuach no copan anns a’ ghobhlan.
Mar is trice, tha an copan air damh le deich meoir
mar an ceudna. Cha bhi iad “ rioghail ” na h-uile
bliadhna, agus cha mhotha bhios iad sin aig aois
no aimsir shonraichte, agus is lionmhor iad air nach
fas barrachd na se ’s a h-ochd de mheoir ri’m beo.
Mar shoillearachadh air an so, innsidh mi mu dhamh
a b’aithne dhomh fein, agus ris an abramaid “ Damh
Mor a’ Gheata.” Bha eolas aig mo sheanair air
an damh so deich bliadhna, oir na h-uile bliadhna
an deidh na damhair thigeadh e a gheamhrachadh
leis a’ chrodh mu’n bhaile. A’ cheud bhliadhna a
bheachdaicheadh air bha naoi meoir air, agus an ath
bhliadhna bha a dha-dheug air. Ceithear bliadhna an
deidh a cheile, bha ceithear-meoir-dheug air. An deidh
sin bha e gach bliadhna a’ dol air ais am maise, agus
an uair a mharbhadh e, an ceann nan deich bliadhna,
cha robh air ach na deich meoir, agus is gann gu’n
robh fiacail ’na pheirceall. Ma’s math mo chuimhne,
bha ceithear puinnd de chudthrom anns gach te
dhiubh an uair a bha na ceithear-meoir-dheug orra,
agus bha na ceithear paidhrichean aig uachdaran na
frithe ’na chaisteal. Cha robh fada againn r’a
dhol air toir nan adhaircean, oir thilgeadh an Damh
Mor dheth iad an aite sam bith eadar Cnoc-na-Luadh