Skip to main content

‹‹‹ prev (11)

(13) next ›››

(12)
4
An Solaraiche
smearail, chalma. Bha iad air an giiilan thairis
le luingis Fhrangaich. Thug na Sasunnaich gach
oidhirp air a’ chabhlaich a ghlacadh, ach cha deach-
aidh leo. Rainig na h-Albannaich Normandi gu
sabhailte, agus, gun dail, cheangail iad iad fein ri
armailt an Dauphin, a bha a’ feuchainn ri Languedoc
a bhuntainn o an naimhdean. Chathaich na
coigrich gu surdail, gaisgeil, agus, an uine gun a bhi
fada, dh’ earbadh riu a’ chearn ris an abrar Anjou a
dhion an aghaidh Dhiuc Chlarence, brathair Righ
Shasuinn. Choinnich na feachdan aig Bauge, agus
abhainn Choesnon eatorra. Air thoiseach nan
Sasunnach mharcaich Diuc Chlarence, air a sgead-
achadh le mor ghreadhnachas agus a’ giulan m’a
cheann coran dir a bha sdnruichte flnealta. Chuir
e spuir san each, agus thainig e ’na leum dh’ ionnsaigh
na drochaide. ’Na choinneamh thriall na ridearan
Albannach, agus, an tiota, fhuair an Diuc fad a
dhroma de’n talamh. Mar a bha e a’ feuchainn ri
eirigh agus faighinn air ais do’n diollaid, fhuair e
buille-bhais o chuaille from a bh’air a ghiulan le
Morair Bhuchain. Thuit ceithir-cheud deug de
na Sasunnaich, chaidh moran diubh a ghlacadh, agus
chuireadh an ruaig air a’ chdrr.
Cha do shoirbhich leis na h-Albannaich cho
math an cdmhdhailean eile. Chaill iad cliu an
latha an toiseach aig Crevant, agus a rithisd aig