Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
3
Jeanne D’Arc
achan a bhuineadh do’n aon teaghlach ag altrum
ruintean naimhdeil do chach a cheile ; agus, an
aite seasamh gu dileas guala ri guala, bha cuid
dhiubh daonnan a’ toirt gach comhnaidh is cobhair
a bha 'nan cumhachd do na h-armailtean coimheach.
An trasd agus a rithisd, bha Alba air a
h-amladh anns an spaim sheirbh, fhadalaich. Bha
bann-cordaidh daonnan eadar i fein agus an Fhraing
gu a cheile a neartachadh agus a chuideachadh an
aghaidh Shasuinn. Chaidh a’ cheud nasgadh de’n
t-seorsa so a dheanamh am meadhoin na dara-linn-
deug, agus chaidh a h-urachadh aig toiseach na
ceathramh-linn-deug, agus aig caochladh amannan
eile.
Mu thoiseach na coigeamh-linn-deug, bha Eanruig
V., righ Shasuinn, a’ cathachadh gu dion, buadhmhor,
air machraichean na Roinn-Eorpa, agus bha e an
deidh ceann a tuath na Frainge a chur gu buileach
fo a chois. Bha ciiisean cho cunnartach agus
gu'n do chuir an Dauphin ard-theachdairean a nail
do Albainn a dh’ asluchadh cuideachaidh o a sheann
chairdean. Dh’ aontaich Parlamaid na h-Alba dean-
amh mar a bh’ air a shireadh oirre. Aig an am so,
bha Seumas I. ’na leanabh, agus b’e Diuc Albani
a b’ fhear-ionaid-righ. Chuir an Diuc air falbh
do’n Fhraing a mhac fein, Sir Iain Stiubhard (Morair
Bhuchain), air ceann seachd mile de threun fhir