Skip to main content

‹‹‹ prev (2) Page 2Page 2

(4) next ››› Page 4Page 4

(3) Page 3 -
Sruth, Di-ardaoin, 30 latha de’n Cheitein 1968
Three
.
J
1
Leabhraichean Gaidhealach
THE CLAN MACLEOD
MAGAZINE — 1968
Gheibh Siol Torcuil agus
Siol Tormoid moran nithean
’san leabhran seo anns am bi
iiidh aca, ach tha sgriobhaid-
hean ann cuideachd a chordas
ri luchd-leughaidh aig nach ’eil
boinne de fhuil nan Leodach
’nan cuislean.
Tha an litir abhaisteach ann
o’n Cheann-chinnidh, Fionn-
ghal, a tha cho beothail aig
ceithir fichead ’s a deich agus
a tha a’ chuid as motha de
dhaoine aig leth-cheud. Tha i
ag innse mu chuairtean a thug
i an uiridh do’n Asia is gu tir-
mor na Roinn-eorpa—agus a
thuilleadh air sin ghabh i comh-
pairt ann an dealbh-chluich a
bha craobh-sgaoilte air an tele-
bhisean Di-sathaime-sa chaidh.
Bho chionn ghoirid chuir i
seachad beagan lathaichean ann
an Eilean Leodhais.
Tha fear-deasachaidh an
leabhrain a’ toirt dhuinn cunn-
tais air a thurus do Chanada
far an do thadhail e air an
fhoillseachadh ainmeil. Expo
67. (No “-Expo Tri fichead’s a
seachd ” mar a chanas fear nan
Naidheachdan Gaidhlig!)
Ach ’se an sgriobhadh as
luachmhoire ’san aireamh seo
an t-iomradh aig Mgr. Ailig
Moireasdan air Eilean Pnab-
aigh ann an Caolas na Hearadh.
Buinidh Mgr. Moireasdan do
Bheamaraigh na Hearadh, agus
tha e air obair ionmholta a
dheanamh mu thr&th ann a
bhith a’ clo-bhualadh cuia de
shaothair nam bard a rugadh
ann an eilean araich. Tha an
t-iomradh taitneach seo air a
steidheachadh air seann sgriobh.
aidhean agus air beul-aithris.
Chan ’eil an seo ach a’ cheud
chuibhrionn de’n rannsachadh a
rinn e, agus bidh fadachd oirnn
gus an tig an corr am follais.
•A’ ★ ★
Crann; iris 1. (Air a chur a
mach le Comunn Gaidhlig Oil-
thaigh Obar-dheadhain.)
Tha greiseag bho’n thainig
am post thugam leis an leabhar
seo, ach chan fhaca mi sgriidadh
air a dheanamh air fhathast
ann am paipear sam bith ach
ann an aonan a mhain. Ach, a'
cuimhneachadh air aon de na
rudan a tha “ crann ” a’ ciall-
achadh,—“ Is fhearr an treabh-
adh anamoch na bhith gun
treabhadh idir.”
’Se iris annasach a tha seo
ann an doigh no dha. Tha an
clo-bhualadh neo-abhaisteach—
chan ’eil sgriobhadh ach air aon
taobh de’n duilleig. A reir col-
tais tha Gaidheil Obar-
dheadhain caran diiiid, oir chan
’eil iad ag innse dhuinn co a
dheasaich an leabhran, cc a
chuir ri cheile na sgriobhaidhean
no co a tharrainn na dealbhan-
nan! (Ach chan ’eil e doirbh
peann ealanta F M
aithneachadh!) Tha “ Crann”
air fad ann an Gaidhlig, agus
an diugh,nuair a tha eadhon
paipear a’ Chomuinn Ghaid-
healaich a’ toirt ceann reamhar
na maraige do’n Bheurla, ’se
fior annas a tha sin.
Tha sgriobhaidhean de gaeh
seorsa anns an leabhran seo.
araon ann an rosg is ann am
bardachd. Tha cuid dhiiibh
soluimte agus sgoilearach; tha
feadhainn eile eibhinn agus
eirmseach-uaireannan, tha eagal
orm, a’ dol ro fhaisg air
magadh. Se call a th’ann gun
do rinn na clo-bhualadairean
beagan mhearachdan, agus an
drasda is a rithist tha an
litreachadh agus an gramar gle
neonach.
Cha b’e a mhain gun do
chord na sgriobhaidhean rium,
ach fhuair mi toil-inntinn nach
bu bheag anns na dealbhannan
eireachdail a gheibhear an sud
’s an seo ’san leabhar. Tha
mi’n dochas nach bi e fada gus
an nochd Iris 2 de’n leabhran
inntinneach seo.
★ ★ ★
Seumas Beag. (Leabhar-
sgoile air a sgriobhadh le Mur-
chadh MacLeoid agus air a
chin: a mach le Gairm, 227
Bath Street, Glaschu, C.2. 3/6.)
Tha “ Gairm ” air cor na
Gaidhlig a chuideachadh ann
an iomadach doigh, agus tha
muinntir an raitheachain air
obair mhath a dheanamh ann a
bhith a’ cur leabhraichean an
clo. ’Se seo an seachdamh
leabhar de chlo-bhualaidhean
“ Gairm” agus bidh feill mhor
air anns na sgoiltean agus am
measg an luchd-ionnsachaidh.
Tha Murchadh MacLeoid,
Fear-stiiiiridh na Gaidhlig ann
an siorrachd Inbhirnis, air
leasain fheumail a chui ri
cheile, tha an sgriobhadh mor
soilleir, agus tha Gilleasbaig
Friseal air dealbhannan alainn
a tharrainn.
★ ★ ★
Gairm, Aireamh 62. (227
Bath Street, Glaschu, C.2.)
Nuair a bhios neach a’ fas
scan cha bhi inntinn cho geur
no a bhuadhan cho beothail ’s
a bha iad ann an lathaichean
oige. Ach ged a tha “ Gairm”
air Aireamh 62 a ruigheachd
tha e cho ogail ’s cho tlachd-
mhor is a bha e nuair a
thainig a’ cheud aireamh am
follais.
Lionainn am paipear air fad
nan toisichinn air a h-uile rud
a chord rium ann an “Gairm'’
an Earraich a chomharrachadh,
ach bheir mi tarrainn air cuid
dhiiibh an seo.
Tha rannsachadh fiosrach
aig Coinneach Domhnallach air
a’ Chomunn Oiseanach, agus bu
choir do’n a h-uile Comunn
Gaidhealach anns na h-Oilth-
aighean aire a thoirt do a
bheachdan agus a chomhairle.
Tha cunntas inntinneach aig
Domhnall Iain MacLeoid air
Roinn Cheilteach Oil-thaigh
Ghlaschu, air an fheadhainn a
tha an sas ann an teagasg nan
Cananan Ceilteach, agus air an
obair a tha iad a’ deanamh.
Mar is abhaist tha Tormod
Domhnallach a’ sgriobhadh gu
snasail—an turns seo ’s ann air
” Sar Bhaird am Beul-aithris”
a tha e a’ meomhrachadh.
Tha iomradh aig Tomas
MacCalmain air “ Politics agus
Eaglais Chriosd ” anns a bheil e
gu teoma a’ freagairt cuid de
na beachdan a thug Domhnall
Iain MacLeoid °eachad anns
an aireamh mu dheireadh de
“ Ghairm.” Tha e a’ nochdadh
gu bheil sealladh na’s cothro-
maiche agus eolas na’s doimhne
aige air eachdraidh na h-Eaglais
agus teagasg Chriosd na bha aig
Domhnall Iain coir anns an
sgnobhadh a thug e am follais.
Is iomadh gaire a thug Am
Bard Bochd air luchd-leughaidh
an raitheachain agus tha rolaist
air leth eirmseach aige anns an
aireamh seo!
Tha e ’na cheist air an
fheadhainn a bhios a’ sgrio¬
bhadh agus a’ craobh-sgaoileadh
na Gaidhlig an diugh, de cho
faisg is a tha e ceadaichte
dhuinn a dhol air cainnt lait-
heil nan Gaidheal? Air aon
iomall tha a’ Ghaidhlig thru-
aillte, air a luchdachadh le
faclan Beurla, a tha ro thric air
bilean an t-sluaigh. Gu fortan-
ach, chan fhaic sinn rudan
maslach mar seo ann an sgrio¬
bhadh fhathast—Nach tu tha
late, Bha mi cho busy, Dh’en-
joyig mi na holidays etc. A
muigh leatha fhein air an iomall
eile tha a’ Ghaidhlig sgoilear¬
ach a tha cho diamhair is nach
tuig a’ chuid mhor i gun
chuideachadh fhaotainn o’n
fhaclair. Ciamar a theid againn
air a’ Ghaidhlig a sgriobhadh
gu nadurra, gun dearmad a
dheanamh air gramair agus
fileantachd ?
Is toigh learn an doigh anns
a bheil Domhnall Iain Mac¬
Leoid a’ gleachd ris a’ cheist
seo anns na sgriobhaidhean aige.
Tha a Ghaidhlig siubhlach,
taitneach ri leughadh agus fur-
asda a tuigsinn. Chan ’eil eagal
air facal a tha air a ghabhail
mar iasad o’n Bheurla a chur
gu feum—ach air amannan
saoilidh mi gu bheil e a’ dol ro
fhada. Chan ’eil mi ro thigheach
no ro mhiannach air rudan mar
seo: “ Tha e cion air snamh! ”
Gheibh sinn Gaidhlig eile
ann an sgriobhaidhean Aonghais
MhicDhonnchaidh, “ Gaidhlig
an fhaclair,”— cainnt a tha
uaireannan mi-nadurra, agus
na’s coltaiche ri Laidionn anns
an doigh anns a bheil i air a
cur ri cheile. Cha do labhair
duine riamh Gaidhlig de’n t-
seorsa a bhiodh esan a’ sgriobh¬
adh—agus tha sin ’na bhean.
nachd.
Mura h-eil thu a’ faighinn
“ Gairm ” gu cuqbhalach feuch
gun cuir thu ’ga iarraidh
’sa mhionaid. Cha chosgadh
“Gairm” agus “ Sruth ” dhuit
ach 25/6 ’sa bhliadhna, agus
’se fior bhargan a tha sin. Chan
e mhain gu faigh thu fhein toil-
inntinn ach cuidichidh tu a’
Ghaidhlig aig an aon am.
IRISH FIGHT FOR
FREEDOM
The rising of 1916 has not
provoked the number of
books in Irish that one might
have expected. There are
many reasons for this — not
least of them the difficulty of
publishing a major work in
Irish earlier this century. An¬
other important factor was, of
course, the unfortunate Civil
War of 1922-23 which cost
the revolutionary idealism
much of its fervour and has
made many veterans rather
reticent about the period. One
result of that is that by far
too few biographies, autobiog¬
raphies or memoirs have been
published.
Nursing in Scotland
a job to be proud of
There is a big future in nursing for men.
If you are good, know what you want and
are prepared to work for it, you can
rise to the top administrative positions
and earn well over £2,000 a year.
During training, allowances you will
receive compare favourably with those
given to students in other fields, and after
qualifying you will earn almost £700 a
year as a first-year Staff Nurse. As a
Charge Nurse, which you can be at an
early age, you will earn a maximum
of £1,205. From then on it’s up to you.
Today’s nurse is a girl like you. Someone
who wants to make something of her
life but who wants to be well paid and
enjoy a high standard of living.
Allowances paid during your training
are good, and after qualifying you v ill
rt“ceive almost £700 a year as a first-year
Staff Nurse. You can become a Ward
Sister at an early age, earning a
maximum of £1,205. As a Matron you
can receive over £2,000 a year. Nursing
gives you a chance to get the most out
of life, to meet people, to help people.
Nurses today are well paid, have plenty of free time. They work a normal 42-hour week,
receive 5 or 6 weeks paid holiday each year. And they’re doing a job that means something.
HOW TO BECOME A NURSE
Minimum Entry
Age Requirements
Two “O” Levels,
including English, or the
passing of the
educational test of the
G.N.C. for Scotland.
" om« schools ask
higher standard,
however.
leral Nursing,
Psychiatric Nursing
Sick Children’s Nur
To: The Chief Nursing Officer,
St. Andrew’s House, Edinburgh, 1.
I'd like to know more about becoming
A Registered Nurse (3 year course) [U
An Enrolled Nurse (2 year course) [I]
(tick whichever interests you)
NAME
(MR., MRS., MISS)
nMsing
j>C£SM/5_]
SURELY THE MOST
REWARDING JOB
IN THE WORLD.