Skip to main content

‹‹‹ prev (259)

(261) next ›››

(260)
Bdrdachd Ghdidhlig
Clann Ruairidh nam bratach,
Is e mo cbreach-sa na dh’fhalbh dhiubb
Ach an aon fhear a dh’fhuirich
Nior chluinneam sgeul marbb ort;
Ach, eudail de fbearaibh,
Ge do ghabh mi uat tearbadh
Fhir a’ chuirp as glan cumadh,
Gun uireasbhuidh dealbha.
Fhir a' chuirp as glan cumadh,
Gun uireasbhuidh dealbha;
Cridhe farsaing fial fearail,
Is math thig geal agus dearg ort.
Suil ghorm as glan sealladh
Mar dhearoaig na talmhainn;
Lamh ri gruaidh ruitich
Mar mhucaig na fearradhris.
Lamh ri gruaidh ruitich
Mar mhucaig na fearradhris,
Fo thagha na gruaige
Cul dualach nan oaanlub.
Gheibhte sud ann ad fhardaich
An caradh air ealchainn,
Miosair is adharc
Is rogha gach armachd.
Miosair is adharc
Is rogha gach armachd,
Agus lanntainean tana
O’n oeannaibh gu’m barrdheis.