Skip to main content

‹‹‹ prev (258)

(260) next ›››

(259)
Luinneay Mhic Leoid
Do chruadail ’s do ghaisge
Do dlxreach is do dhealbha,
Agus t’olachd is t’uaisle
Cha bu shuarach ri leanmhainn.
Agus t’blachd is t’uaisle
Cba bu shuarach ri leanmhainn,
D’fhuil direach righ Lochlainn
B’e sud toiseach do sheanchais.
Tha do chairdeas so-iarraidh
His gach larla tha an Alhainn,
Is ri h-uaislean na h-Eireann:
Cha bhreug ach sgeul dearbhta e.
Is ri h-uaislean na h-Eireann:
Cha bhreug ach sgeul dearbhta e.
A Mhic an fhir chliuitich,
Bha gu fmghantach ainmeil ;
Thug barrachd an gliocas
Air gach Ridir bha an Albainn
Ann an cogadh ’s an sioth-thaimh,
Is ann an dioladh an airgid.
Ann an cogadh ’s an sioth-thaimh,
Is ann an dioladh an airgid.
Is beag an t-iongnadh do mhac-sa
Bhith gu beachdail mor meanmnach,
Bhith gu fiughant’ fial farsaing,
O’n a ghlac sibh mar ehealbh e:
Clann Ruairidh nam bratach,
Is e mo chreach-sa na dh’fhalbh dhiubh.