Skip to main content

‹‹‹ prev (94)

(96) next ›››

(95)
Seanfhocail ag-us Comhadan
Is coltach fear tha ris an fhoill
Is nach ’eil sgoinn aig de’n choir,
Ris an duine a thaisg an luaidh
Agus a thilg uaith an t-6r.
Is dona thig maighdean gun bhi beusach;
Cha dean fear gun gheire dan;
Cha dean fear gun fhoghlum leughadh,
Is cha tig leigh gu duine slan.
Is math bhi siothchail anns gach ball;
Oaillidh duine dall an t-iul;
Is sona neach a bhios gun bheud,
Ach caillidh luchd nam breug an cliu.
Smuainich mu’n dean thu labhairt,
Ma’s aill leat do ghnothach bhi reidh;
Is fearr dhuit sealltainn beagan romhad
Na sealltainn fada air do dheidh.
Is trom snighe air tigh gun tughadh ;
Is trom tubaist air na draicean;
Is duilich do mhnaoi beanas-tighe
Deanamh air na fraighibh fasa.
Cha trom leis an loch an lach,
Cha trom leis an each an t-srian;
Cha trom leis a’ chaor a h-olann,
Is cha truimid a’ cholann a ciall.
Cha trom leis an fhiadh a chabar,
Cha trom leis a’ ohoileach a chirein ;
Ni mheasas aon neach mar leathtrom
Chi neach eile mar thoil-inntinn.