Skip to main content

‹‹‹ prev (93)

(95) next ›››

(94)
Bardachd Ghaidhlig
Is beag sgoinn de mhointich am monadh,
Is beag sgoinn de choille am fasach;
Is lugha meas tha de dhuine falamh.
An uair tha earras an deidh fhagail.
Is iomadh caraid tha aig fear saoibhear,
Tha daoine bochda gun phris;
Is gann a dh’ aidicheas an cairdean
Gu’m buin iad daibh is iad bhi an dith.
Is fearr a bhi bochd na bhi breugach,
Is fearr fheuchainn na bhi ’san duil;
Is fearr am fear a chostas beagan
Na am fear a theicheas ann an cuil.
Tha an fhirinn gu cliuiteach sona,
Cha chron air duine bhi fial;
Is fearr beagan anns an onoir
Na an donas is ceithir chiad.
Is ainmig a dh’ eireas fortan
L>e fear crosda bhios gun cheill ;
Is fearr do dhuine fuireach samhach
Na droch dhan a chur an ceill.
Eirid’i tonn air uisge balbh ;
Gheibhear cearb air duine glic :
Eiridh gnothach le fear mall;
Bristidh am fear tha call gu trie.
Tha a ghaineamh fein anns gach sruthan ;
Cha’n ’eil tuil air nach tig traghadh ;
Is dona an cairdeas gun a chumail
Is cha’n fhaighear duine gun fhaillinn.