Skip to main content

‹‹‹ prev (76)

(78) next ›››

(77)
Eas Niagara
13
325 Ach trian cha’n urrainn mi aathris
De gach ionghnadh
A tha r’a fhaicinn air an eas ud,
An t-eas cliuiteach;
Bu mhoralach greadhnach an sealladh
330 E gun teagamh:
Ma tha iongantais air an t-saoghal
Is aon diubh esan.
Miltean tunna gach mionaid
A’ tuiteam comhla
335 Thar bhile na creige do’n linne
’Na aon mhorshruth.
Is dluth air ochd fichead troighean
Anns an leum ud,
O bhraighe gu iochdar na creige
340 ’Na. seasamh direach.
Is a’ chreag ud gu h-ard aig a mullach
Air chumadh lethchruinn,
Oosmhuil ri crudha an eich charbaid
No leth cearcaill.
345 An t-uisge a’ spubadh ’na steallaibh
Mach gu fada
O bhoxm na creige ’san linne
Fichead slat uaip.
Chluinneadh tu an tonnan seachd mile
J50 Uaith air astar,
Mar thairneanach anns na speuraibh
Bi beucaich neartmhor.