Skip to main content

‹‹‹ prev (75)

(77) next ›››

(76)
Bdrdachd Ghdidhlig
An uair shealladh tu an sin mu’n cuairt duit
Air a’ chasshruth,
Chuireadh e do che-ann ’na thuaineal
Is tu ’nad bhreislich.
Is ’n uair a thigeadh tu am fagus
Do'n phlaide liathghlais
Tha an crochadh ri aghaidh na creige,
Bhiodh geilt is fiamh ort.
An uair sheideadh a’ ghaoth gu laidir
Is an t-uisg© frasach
’Ga chathadh gu fiadhaich ad aodann
Gach taobh g’an teich thu.
Mar latha gailbbeach ’san fhaoiltich
Le gaoith is uisge
A fhliuchadh am priobadh na suP thu
Is a dhruidheadh tur ort.
Mar osaig o inneal-seididh
Fuirneis iaruinn,
Is amhlaidh ghaoth sgalanta chruaidh ud
Thig 1© dian n©art
Eadar a’ charraig ’san st©all ata
Nuas a’ tuiteam;
An oomhdach tha air do cheann
Is gann gu’m fuirich.
Shaoileadh tu gu’n d’eirich doinionn
Anns an iarmailt,
Ged tha an t-sid© ciuin mar bha i,
Dearrsach grianach.