Skip to main content

‹‹‹ prev (68)

(70) next ›››

(69)
Eilean na h-Oige
5
105 An am na Callainn’ feadh nan carraig
Bkiodh na feara greod dhiubh;
La gun dad aca ’gan ragach’
Is latha sgait gu leoir ann.
Fear a’ pronnadh is fear a’ solladh
110 Tional pobull ghorag;
Tabb ’ga thomadb thun an todh ir
Sin ’ga thogail fbpa.
Fir nan deannaibh tarruing eallach
Stigb o’n chaladh Hanna
115 Dh’ iasg na mara a reir an ama
Cumail thall na teanntachd;
Smearaich thapaidh ruith ’nam feachdaibh
Feadh nan leac an traingead,
Tioradh langa, dhaibh is aithne,
120 Air an sgallaidh ’s t-samhradh.
Bharr gach bearraidh, stigh gach bealach,
Ghithear deannan nionag,
Eallach connaidh cul an droma
Nuas o’n mhonadh Sgrine.
126 Bodaich throma an cas air sgonnan
Chas-a-croma, sgios dhiubh,
Sruth de'n fhallus air am maladdh,
Toirt air talamh striochdadh.
Luingeaa bhioran aig na giullain
iso Air gach linne an snamh iad;
Fear ’gan leigeadh, fear ’gan tilleadh
Air gach iomall baghain.