Skip to main content

‹‹‹ prev (318)

(320) next ›››

(319)
Oran na Comhachaig.
251
Bu lionmhor cogadh is creachadh
Bha an Loch Abar anns an uair-sin,
C ’kite am biodh tusa ’gad fhalach,
A eoin bhig na mala gruamaich?
6635 is ann a bha chuid mh6r de m’ shinnsear
Eadar an Innse ’s an Fhearsaid;
Bha cuid eil© dhiubh mu’n Deabhadh,
Bhiodh iad ag eigheach mu fheasgar.
An uair a chithinn-sa dol seachad
6640 Na creachan agus am fuathas
Bheirinn car beag bharr an rathaid
Is bhithinn grathunn an Creig Uanach.
Creag mo chridhe-sa Creag Uanach,
Creag an d’fhuair mi greis de m’krach;
6645 Creag nan aighean ’s nan damh siubhlach,
A’ chreag iirail aighearach ianach.
A’ chreag mu’n iadhadh an fhaghaid,
Bu mhiann leam a bhith ’ga tadhal,
An uair bu bhinn guth galain gadhair
6650 Ag cur greigh gu gabhail chumhaing.
Is binn na h-iolairean mu bruachaibh,
Is binn a cuachan ’s binn a h-eala;
Is binne na sin am blaoghan
Ni an laoghan meanbhbhreac ballach.
6655 Gur binn leam torman nan dos
Bi uilinn nan corrbheann cas;
Is an eilid bhiorach ’s caol cos
Ni fois fo dhuilleach ri teas.