Skip to main content

‹‹‹ prev (317)

(319) next ›››

(318)
250
6605
6610
6615
6620
6625
6630
Bardachd Ghaidhlig.
Is comhaois mise do’n daraig
Bha ’na faillein anns a’ mhointich;
Is iomadh linn a chuir mi romham,
Is gur mi comhachag bhochd na Sroine.
A nis o’n a tha thu aosda,
Dfean-sa t’fhaosaid ris an t-sagart;
Agus innis dha gun euradh
Gach aon sgeula d’a bheil agad.
Cba d’rinn mise braid no breugan,
Cladh no tearmunn a bhriseadh;
Air m’fhear fhein cha d’rinn mi iomluas:
Gur cailleach bhochd ionraic mise.
Chunncas mac a’ Bhritheimh chalma
Agus Fearghus m6r an gaisgeach,
Is Torradan hath na Sroine:
Sin na laoich bha dbmhail taiceil.
O’n do thoisich thu ri seanchas
Is eiginn do leanmhainn na’s fhaide:
Gun robh an triuir sin air foghnadh
Mun robh Donnghail anns an Fhearsaid.
Chunnaic mi Alasdair Carrach,
An duine as allail’ bha an Albainn;
Is minig a bha mi ’ga eisdeachd
Is e ag r&teach nan tom-sealga.
Chunnaic mi Aonghas ’na dheaghaidh,
Cha b’e sin roghainn bu t&ire;
Is ann ’san Fhearsaid bha a thuineadh,
Is rinn e muileann air Allt Laire.