Skip to main content

‹‹‹ prev (130)

(132) next ›››

(131)
Cumha Choire a’ Cheathaich.
63
CUMHA CHOIEE A’ CHEATHAICH.
Air Form—“The Flowers of the Forest.”
Donnchadh Mac an t-Saoib.
Is duilich leam an caradh
Th’air coire gorm an fhksaich,
An robh mi greis am arach
1680 ’S a’ Bhr&ighe so thall;
Is iomadh fear a bharr orm
A thaitneadh e r’a nadur,
Nam biodh e mar a bha e
An uair dh’fh&g mi e nail.
1685 Gunnaireachd is lamhach
Spurt is aobhar gaire,
Chleachd bhith aig na h-armuinn
A b’abhaist bhith ’s a’ ghleann.
Rinn na fir ud fhagail,
1690 Is Mac Eoghainn t’ann an drasda,
Mar chlach an ionad cabaig
An &ite na bh’ann.
Tha an coir© air dol am faillinn,
Ged ithear thun a’ bhlkir e,
1695 Gun duine aig a bheil c&s deth
Mu’n ait anns an am.
Na f&dh a bh’ann air fhagail,
Cha d’fhuirich gin air aruinn,
Is chan ’eil an aite tamha
1700 Mar bha e ’s a’ ghleann.
Tha am baran air a shkrach’,
Is dh’fhairtlich air an taladh,
Gun sgil aig air an nadur
Ged thainig e ann ;