Skip to main content

‹‹‹ prev (129)

(131) next ›››

(130)
62
1650
1655
1660
1665
1670
1675
Bardachd Ghaidhlig.
Na h-airmi ghaisge ghasda ghleusda
Dh ’ orduich an- righ gu feum dhasan,
Cho math, ’s a th’aig dume de ’n dream threun sin,
De shliochd Cholla Cheud-chathaich Spkintich.
Dorn an claidheamh ’s lamh duine-uasail
Le crois-taraidh,
lolairean le ’n sgiathaibh luatha,
Gu cruas gkbhaidh,
Long ag imeachd air druim chuantan
Le siuil arda,
Gearradh-arm Mhic-Shaoir o Chruachan,
Aonach uachdarach Earra-Ghaidheal.
Tha do dhaoine trie air fairge,
Sgiobairean calma neo-sgkthach;
Tha an aogas cumachdail dealbhach,
Is iomadh armailt a bheil pkirt dhiubh:
Thug iad gaol do shiubhal garbhlaich
Moch is anmoch a’ sealg f&saich;
Cuid eile dhiubh ’nan daoine-uaisle,
Is tha cuid dhiubh ’nan tuath ri aiteach.
Is rioghail an eachdraidh na chualas
Riamh mu d’ phairtidh,
Is llonmhor an taic, na tha suas diubh,
Nam biodb cks ort:
Tha gach buaidh eile d’a reir sin
An Gleann Nodha f&n an tkmhachd,
Plob is bratach is neart aig Seumas,
An ceann-cinnidh nach treig gu brath sinn.