Skip to main content

‹‹‹ prev (79)

(81) next ›››

(80)
Bardachd Ghaidhlig.
An uair shealladh tu an sin mun cuairt duit
Air a’ chasshruth,
Chuireadh e do cheann ’na thuaineal
Is tu ’nad bhreislich.
Is ’n uair a thigeadh tu am fagus
Don phlaide liathghlais,
Tha an crochadh ri aghaidh na creige,
Bhiodh geilt is fiamh ort.
An uair sh^ideadh a’ ghaoth gu Ikidir
Is an t-uisge frasach
’Ga chathadh gu fiadhaich ad aodann
Gach taobh g’an teich thu.
Mar latba gailbheach ’san fhaoiltich
Le gaoith is uisge,
A fhliuchadh am priobadh na sill’ thu
Is a dhruidheadh tur ort.
Mar osaig o inneal-seididh
Fiiirneis iaruinn,
Is amhlaidh ghaoth sgalanta chruaidh ud
Thig le dian neart
Eadar a’ charraig ’san steall atk
Nuas a’ tuiteam;
An comhdach tha air do cheann
Is gann gum fuirich.
Shaoileadh tu gun d’eirich doinionn
Anns an iarmailt,
Ged tha an t-side ciuin mar bha i,
Dearrsach grianach.