Skip to main content

‹‹‹ prev (78)

(80) next ›››

(79)
270
275
280
285
290
295
Eas Niagara.
II
Am mln-uisge tuiteam mun cuairt duit
Air an kilean,
Is an fhaiche gu h-urail uaine
Mar a b’aill leat;
Na craobhan ag cinntinn dosrach,
Is lusan urghorm
A’ fas le feartaibh na greine
Gu reidh fo’n driuchd ud.
Na liosan a tha mu d’thimchioll
Chan iarr uisge,
Chan aithne dhoibh idir tiormachd
Ei aim sir loisgieh.
Cha tuigear leo ciod as ciall
Bhith gun fhliche,
Ged theannaicheadh gach ait mun cuairt daibh
Mar chruas cloiche.
Tha an t-athar gun ghoinne gun chaomhnadh
A’ taomadh fheartan
A sthras do-thraoghadh na h-aibhne
Gu saoibhir beartach.
Dh’ fhag sud aghaidh an fhuinn ud,
Dh’ oidhehe is a latha,
Gu h-urail uain fheurach kluinn
A’ fks gu fallain.
An uair thkarnadh tu slos do’n t-slugan
Gu oir an uisge,
Bhodhradh an tormanaich uamhaidh
Do chluasan buileach.