Skip to main content

‹‹‹ prev (71)

(73) next ›››

(72)
Bardachd Ghaidhlig.
Dia na tuinne gur e am bun e:
Ciod k ni duine as eugmhais?
Toradh mara a cuilidh Mhoire—
Is e tha cumail &s bhuap’.
Gum bu laghach toiseach foghair
Corra thadbal dorghaich,
Leigeil dhubhan thun a’ ghrunna
Muigh air iola eblaich.
Bodaich bheaga ag ith an graide,
Mucan creige ag corbadh,
Is beadag cudaige tighinn cbugainn
D’an robh an criomadh seolta.
Tbrachd cobbartaich ri reothart
Muigh air oitir treud dhiubh;
Dh’aindeoin crosgag bbog na rosaid
Gheibhte sochair disg ann.
Nuas ’nar fochair gun dad docbuinn
Thigeadb socair leabag;
Is bioraich mhosach, thoill an crochadh,
Is trie bha crios dhiubh fh^in ann.
Feasgar foghair draghadh mhaghar
Gum b’i an fhaghaid ghrinn i;
lasg a’ riobadh, gun fhois tiota,
Togail diogal inntinn’;
Sliopraich slapraich aig na slatan
Cumail cath an teinn riu;
Beairt ’ga bogadh is beairt ’ga togail
Is beairt ’ga sgobadh innte.