Skip to main content

‹‹‹ prev (70)

(72) next ›››

(71)
50
55
60
65
70
75
Eilean na h-Oige.
3
Thall mu’n teallach faic a’ chailleacn
Cur ’na deannaibh cuibhle;
Pear an tighe, is math a l&mhan,
Dubhan cam ’g a righleadh.
Tigh a’ BheaJaich, is mor an tathaich
Tha ann de fhearaibh is nionag,
Is fear d’am b’aithne le sar-anail
Gabhail rann na Edinne.
Piob ’ga spreigeadh, binn a fead learn,
Is cha b’e sgread na fldhle;
Cridhe toirt breab as, ’s e ’ga freagairt
Ann am, beadradh inntinn.
Air an fheasgar bhiodh na fleasgaich
Ag comh-fhreagairt tlm dhi:
Learn bu ghasda bhith ’nam faisge
Dol an teas an righlidh.
Fir a’ tarruing mach a caladh,
Gum b’e an sealladh ^ibhinn;
Togail chranna, buill ’gan snaimeadh
Ann an gramaibh gleusta;
Siuil ag crathadh, chluinnte am farum,
Gus am faighte reidh iad;
Is mach air chabhaig thun na mara,
Is cop ri darach deideig.
Na I'm fhada is na lin sgadain
Ann am badaibh r&dh ac ’;
H-uile h-ullachas dhith culaidh
Bhios a’ ruith an eisg ac’.