Skip to main content

‹‹‹ prev (155)

(157) next ›››

(156)
140 Codach Lachlainn Mhic Mhuirich
o Dhomlmall mac Neill mhic Dhomhnaill, brathair
athair.
Tha cuimhne mhath aig gu robh saothair Oisein
sgriobhta air craicinn ann an gleatanas athar o shinnsear-
aabh; gu robh cuid de na craicinn air an deanamh suas
mar leabhraichean, agus cuid edle fuasgailte o cheile,
arms an robh cuid de shaothair bhard eile, a bharrachd
air saothair Oisein.
Tha cuimhne aig gu robh leabhar aig athair ris an
canadh iad an leabhar dearg, de phaipeir, a thainig o
shinnsearaibh, anns an robh moran de shean eachdraidh
na fineachan Gaidhealach, agus cuid de shaothair Oisein,
mar bha athair ag innseadh dha. Cha’n ’eil a h-aon de
na leabhraichean-sa air fhaotainn an diugh, thaobh is
an uair a chaill iad am fearann, gu do chaill iad am
misneach agus an durachd. Cha’n ’eil e cinnteach ciod
e a thainig ris na craicinn, ach gu bhedl barail aige gu
tug Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair Mhic Dhomhnaill
air falbh cuid diubh, agus Baonull a mhac cuid eile
dhiubh; agus gu faca e dha no tri dhiubh aig taillearan
’gam gearradh sios gu criosaibh tomhais: Agus tha
cuimhne mhath aige gu tug Mac mhic Ailein air athair
an leabhar dearg a thabhairt seachad do Sheumas Mac
Mhuirich a Baideanach; gu robh e goirid o bhi cho
tiugh ri Biobull, ach gu robh e na b’ fhaide agus na
bu leatha, agus nach robh uiread thiughaid ’sa chodach;
gu robh na craicinn agus an leabhar dearg air an
sgriobhadh anns an laimh an robh Ghaidhlig air a
sgriobhadh o shean ann Albainn agus ann Eirinn, mu’n
do ghabh daoine cleachdadh air sgriobhadh Gaidhlige
anns an laimh Shaghsanaich; gu’m b’ aithne d’a athair
an t-seann lamh a leughadh gu math; gu robh cuid de
na craicinn aige fein an deidh bais athar, ach thaobh is
nach do ionnsaich e iad, agus nach robh aobhar meas
aige orra, gu deachaidh iad air chall. 'iha e ag radh