Skip to main content

‹‹‹ prev (154)

(156) next ›››

(155)
Codach Lachlainn Mhic Mhuirich 139>
na Labhair Huisdean MacDhomhnaill ro mhatb mar
dhearbhadh air saotbair Oisein, gu’m b’ fhurasda moraa
a bharrachd a radh gus a dheanamh a mach agus a
dhaingneachadh gu robh an t-ard fhilidb, Oisedn ann
bho chian, agus nach cualas riamh iomradh air a
shamhailte.
CODACH LACHLAINN MHIC MHUIRICH.
Ann an tigh. Phadraig mhic Neacail an Torlum goirid o
Chaisteal Bhuirgh ann an siorramachd Inbhir-nis, an
naoitheamh la de an cheud mhios de an fhoghar, anns an
da fhichead bliadhna agus naoi deug d’a aois thainig
Lachlann mac Neill, mhic Lachlainn, mhic Neill, mhic
Dhomhnaill, mhic Lachlainn, mhic Neill mhoir, mhic
Lachlainn, mhic Dhomhnaill, de shloinneadh Chlann
Mhuirich, ann an lathair Ruairidh Mhic Neill tighearna
Bharraigh, thabhairt a cLodaich, mar is fiosrach eisean,
gur e fein an t-ochdamh glim deug o Mhuireach a bha
leanmhainn teaghlaich Mhic mhic Ailein, oeannard
chlann Raonuill, mar bhardaibh, agus o an am sin gu
robh fearann Staoiligearraidh agus ceithir peighinnean.
de Dhriomasdal aca mar dhuais bardachd o linn gu. linn
feadh choig ghlim deug: Gu do chaill an seathamh glim
deug oeithir peighinnean Dhriomasdail, ach gu do ghleidh
an seachdamh glim deug fearann Staoiligearraidh fad
naoi bliadhna deug de aimsir, agus gu robh am fearann
sin air a cheangal dhoibh ann an coir fhad ’s a bhiodh
fear de chlann Mhuirich ann a chumadh suas sloinneadh
agus seanchas chlann Domhnaill; agus bha e mar fhiach-
aibh orra, an uair nach biodh mac aig a’ bhard gu tugadh
e foghlum do mhac a bhrathar, no d’a oighre, chum an
coir air an fhearann a ghleidheadh agus is ann a reir a’
chleachdaidh so fhuair Niall, athair fein, ionnsachadh
gu leughadh agus sgriobhadh eachdraidh agus bardachd