Skip to main content

‹‹‹ prev (135)

(137) next ›››

(136)
120
Na Sean-fhocail
NA SEAN-FHOCAIL.
[Anns a’ bhlLadhna 1875 chuireadh a mach anus
a’ Ghaidheal da pliaipeir deug le Domhnall Mac
Fhionghain anns a bheil e a’ beachdachadh gu geur-
thuigseach air sean-fhocail no gnath-fhccail nan
Gaidheal. Tha an ceud phaipeir dhiubh sin air a chur
an clb a ris an so.
Chaidh Cathair na Gaidhlig a cur air bhonn an
Oil thigh Dhun-eideann le saothair John Stuart Blackie,
agus b’e Domhnall Mac Fhionghain an ceud Ard-ollamh
chaidh a shuidheachadh innte, anns a’ bhliadhna 1882,
aite a lion e le mor urram gu mios meadhonach an
t-samhraidh, 1914. Chaochail e air latha Nollaig anns
a’ bhliadhna cheudna an eilean Cholasa, far an do
rugadh agus far an do thogadh e. Chithear anns an
earrainn so de a shaothair agus anns an earrainn eile
aig toiseach an leabhair so araon a chomas air
sgriobhadh a chainnte mhathaireil fein agus neart is
doimhneachd ’inntinne. Bha an t-Ard-ollamh tri-
fichead bliadhna agus coig deug dh’aois an uair a
chaochail e.]
Bithidh mi air uairean a’ smaoineachadh, an uair a
bha an Saoghal na b’ bige na tha e nis, an uair nach
robh iarrtasan an duine cho lionmhor ’s a tha iad air
fas, agus an uair nach robh an sluagh a’ stri cho dian
’s a tha iad a nis ris na sean iarrtasan a shasachadh agrs
ri iarrtasan iira a ghineamhuinn, gu’n robh an Cinne-
daonna a’ mealtainn toilinntinnean luachmhor air nach
’eil sinne ag amas, no, mar bu choir a radh, ris nach
’eil sinn a’ fuireach. Gun teagamh, is mor agus is lion¬
mhor na sochairean a bhuilicheadh oirnne a tha beo