Skip to main content

‹‹‹ prev (112)

(114) next ›››

(113)
Gaisgeach na Sgeithe Deirge 97
uaisle, fanaibh thall, gus an toir mise nail air mo
mlrniii sibh, mu ’m flinch eibh sibh fhein.” “ A dhuine
bhochd, is cosmhuil gur h-ann a’ d’ phortair air an
abhainn a tha thu,” arsa Gaisgeach na Sgeithe Deirge.
“ ’S ann,” ars’ an seann duine Hath. “ Agus de chuir
ann thu?” ars’ esan. ” Innsidh mi sin duibh,” ars’ an
seann duine Hath. “ Bhuail gaisgeach mor dorn air
righ Eireann, ’s chuir e tri fiaclan as, agus dh’ fhalbh a
dha mhac a thoirt a mach dioghlaidh. Dh’ fhalbh
balachan 6g amaideach a bu mhac dhomhsa leotha, agus
’nuair a chaidh iadsan air thapadh chaidh esan air mhi-
thapadh. Bu shuarach an dioghaltas leo mise chur am
phortair air abhainn air a shon.” "A dhuine bhochd,”
ars’ esan, ” cha ’n athais sin. Mu ’m fag mis am baile
bidh thusa gu maith.” Rug e air’s thog e leis e, agus
chuir e ’n a shuidhe anns a’ chathair a bha ri gualainn
an righ e. “ Cha ’n ’eil annad ach duine mi-mhodhail
a thainig do ’n bhaile. Chuir thu am bodach sin ’n a
shuidhe ri gualainn m’ athar, is cha ’n fhaigh thu leat
e,” arsa Ridire Chuim, ’s e ’g eirigh agus a’ breith air.
“ Air mo laimh-sa, ’s air mo dha laimh a shaoradh,
gu’m bu cho maith dhuit breith air Cnoc Leothaid agus
breith ormsa,” arsa Gaisgeach na Sgeithe Deirge ris, ’s
e ’g a leagadh ris an talamh. Chuir e ceangal nan tri
chaoil air gu daor agus gu docair. Bhuail e buille de
bharr a choise air, ’s thilg e thar nan seachd sparranan
a b’ airde bh’ anns a’ chuirt e, fo shileadh nan lochran
’s fo chasan nan con mor. Rinn e leithid eile air
Ridire Chlaidhimh, agus rinn an lonmhainn gaire.
“ Marbhaisg ort mein,” ars’ an righ rithe, “ tha thu
o chionn bliadhna air chomh-biadh, air chomh-deoch
rium, is cha ’n fhaca mi gean no gaire agad ’g a