Skip to main content

‹‹‹ prev (111)

(113) next ›››

(112)
96
Gaisgeach na Sgeithe Deirge
ceathrar nach leigeadh iad cach-a-cheile air di-chuimhn
gu brath. Chuir esan an sin an curachan a mach, ’s
shuidh e innte, ’s cha d’ rinn e stad no fois gus an
deachaidh e air tir an Eirinn. Thionntaidh e h-aghaidh
a mach, ’s ma bha i luath tighinn, bha i na bu luaithe
tilleadh. Leig e air falbh na tri chalamain a’ fagail na
h-eathaire. Bha duilichinn air gun do leig e air falbh
iad leis cho bbidheach ’s a bha ’n cebl a bha aca.
Bha an oidhche ann a nis agus ghabh esan lorg na
lacha o ’n chuan ’s rinn e calg-dhireach air solus beag
biorach a chunnaic e eadar beinn is machair. Ghearr e
an fhead chaol chruinn chruaidh a bh’ aig Caoilte, agus
co thainig a mach ’n a choinne ach Gruagach nan
Cumha. “ Failt ort, a Ghaisgich na Sgeithe Deirge,”
ars’ esan, “ dh’ aithnichinn do cheann air cladach agus
t’ fhead ri feath nan eun fionn—ach c’ aite bheil laogh
mo chridhe, ailleagan nam ban V’ Dh’ innis Gaisgeach
na Sgeithe Deirge dha gach ni mar a thachair, agus
bhoidich iad le cheile an seasamh nam bonn, nach
itheadh iad biadh, nach bladh iad deoch, nach eisdeadh
iad cebl, gus an ruigeadh iad High na h-Eireann agus
an reiticheadh iad cuisean ’n a lathair. “ Bha mi fhein
fo gheasa roimhe so,” arsa Gruagach nan Cumha,
“ nach rachainn thar cuan dh’ fhios mo nighinn, ach
shiubhlainn a nis coig coigead na h-Eireann cas-ruisgte
ri sneachda’s ri gaillinn, agus cha mhaoidhinn oirre gu
brath e ach mi ’g a faotainn an deireadh sgebil.” Thog
iad orra le cheile, agus ma bha an t-astar buan bu
bhuaine na sin ceblagraich Ghruagaich nan Cumha agus
beblagraich Ghaisgich na Sgeithe Deirge.
Bha abhainn mhor eadar iad agus tigh an righ. An
uair a rainig iad an abhainn, chunnaic iad duine Hath
tighinn ’n a dheann, agus e glaodhaich, “ A dhaoln-