Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
Duatharachd na Mara
23
fo chobliar nan stuadh. Agns ma chur so nighean Fir
Scalpaidh gu brbn, chuir e a bron gu seinn; agus gus an
latba ’n diugh tha ’m bantrachas-cuain a’ gul is ag
iargain ’na oeol.
M’ acbanaicb-sa, High na Cathrach,
Gun mi dhol an uir no ’n anart,
An talamh-toll no ’n aite-falaich,
Ach ’sa’ bhad an deach thu, Ailein—
Ailein Duinn, 6 hi, shin' hlainn leat.
Is shiubhail i leis. ’Nuair thainig am a fuasglaidh,
b’e toil a cairdean a h-aiseag thar a’ chaolas gu aite-
taimh a h-aithrichean; ach ged thug iad iomadh oidhirp
air a’ cheann-uidhe sin a thoirt a mach, bha ’n Dan’s an
doineann’s an cuan ’nan aghaidh, agus an deireadh sgebil
choilion an cathadh-mara iarrtus na te ‘ anns a’ bhad
an deach thu, Ailein.’
Sin mar a bha is a tha—gach ni thun a’ chuain, agus
tha eachdraidh nan Eilean sgriobhta.
Tha iomadh ni duatharach ’san doimhne a thuilleadh
air na leannana-cuain. Theireadh na seann daoine nach
robh ‘ beo air luim gun a shamhailt bhi fo thuinn,’ crodh-
mara, faol-mhara, cat-mara, nathair-mhara iochd air
n-achd. Ach tha tri ann a tha de sgeul ’s de dhuathar-
achd a’ chuain os cionn chaich—an ron ’s an eala ’s a’
mhaighdeann-mhara. Cha b’ ann de fhior naisinn na
mara a h-aon diubh, ge fad’ an ceilidh fo thuinn. Na ’n
robh choir air a’ cumail, bu righrean air Lochlainn na
roin an diugh; ach ’nan bige bha iad cho eireachdail am
pearsa agus cho sgairteil an gniomh is gu ’n do ghabh am
muime grain na criche orra; agus cha bhiodh beo aice
gus an toireadh i leagadh cinn is cridhe dhaibh. Thug i
seachd laithean is seachd bliadhna ag ionnsachadh na
sgoile duibhe, agus ’nuair fhuair i na dh’ fhbghnadh (is
innleachd mnatha comhla ris !) cuirear a cuid dalta fo