Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
Air Cruinn-Mheallaibh Soillstach nan Speur &
agus tha’n leth eile ann an dorchadas. Ach o ’n tha’n
talamh a’ tionndadh air a mhul fein, o 'n iar gus an ear,
gach uile cheithir uaire fichead, tha solus agus dorchadas
a’ teachd oirnne mu seach, anns an uine sin. Mar so,
tha la agus oidhche a’ leantuinn a cheile; agus an uair
ata an taobh air a bheil sinne de ’n chruinne-che air a
shoillseachadh, tha’n taobh eile dheth ann an dorchadas.
Air an aobhar sin, an uair a bhios an latha againne ’s
an Eilean Bhreatunnach, bithidh an oidhche aca an
Innsibh na h-airde ’n ear—ann an China agus ann an
Australia! Tha mar an ceudna, claonadh sonraichte aig
mul na talmhainn, trid a bheil solus na greine ar
bualadh aig amannaibh de ’n bhliadhna, air earrainn
na’s lugha de chearnaibh tuatha na talmhainn, na aig
amannaibh eile; air an aobhar sin, tha na laithean
againn fada agus goirid, a reir sin.
Feudaidh sinn a nis ainmeachadh nach ’eil
na cuairtean, na cearcaill, no na slighean farsuing
sin, anns a bheil na reultan a’ siubhal mu
thimchioll na greine, gu h-iomlan cruinn, ach air
cumadh uibhe ; air an aobhar sin, tha e furasda fhaicinn,
an uair ata a’ ghrian air a suidheachadh ann am
meadhon nan cuairt sin, gu’m bi na reultan ata gluasad
annta, na’s faide o’n ghrein, aig amannaibh araidh de ’a
bhliadhna, na aig amannaibh eile. Ceart mar so, ma ta,
tha ’n talamh a’ siubhal mu thimchioll na greine, ann an
cearcall ata na’s mb ann am fad, na tha e ann an leud;
uime sin, thae air uairibh de’n bhliadhna fada o’n ghrein,
agus air uairibh eile na’s giorra uaipe ; agus tha so, maille
ris a’ chlaonadh ata ’n a mhul fein, a’ deanamh Samh-
raidh is Geamhraidh, a chionn do thaobh nan astar
eugsamhla ata ’n talamh o’n ghrein, nach ’eil a chearnan
iomallach a’ mealtuinn a soluis agus a teas, ami an
tomhas co-ionann.