Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
Air Cruinn-Mheallaibh Soillseach nan Speur
AIR CRUINN-MHEALLAIBH SOILLSEACH
NAN SPEUR
[Rugadh an t-urramach Alasdair Mac Griogair
anns a’ bhliadhna 1806, ann an Gleann-garan, ri taobh
Uisge Dhe, an siorramacbd Obar-dheadbain, far an
robh athair ’n a mhinisteir. Gbluais athair gu sgire
Chill Mhoire an Trbndairnis ’s an eilean Sgitheanach,
agus an deidh aireamh bhliadhnachan, shuidhicheadh
Alasdair Mac Griogair gu bhi ’n a cho-aoghaire d’a
athair. Dh’ fhan e ann an sgire Chill Mhoire gus a
bhliadhna 1850, ’n uair chaidh a ghairm do eaglais
Ghaidhlig Dhun-eideann. Tri bliadhna ’n a dheidh sin
chaidh e do Inbhir-nis, far an do chaochail e
anns a’ bhliadhna 1881. Sgriobh e aireamh mhor
phaipeirean air iomadh steidh anns a’ Ghuairtear, am
Fear-tathaich nam Beann, agus anns a’ Ghdidheal, cuid
diubh fo’n ainm Sgiathanach is cuid eile fo’n ainm
Alasdair Ruadh. Bha buaidh shbnraichte aig an duine
fhoghluimte agus urramach so air nochdadh ann an
cainnt shoilleir bhrioghmhor nithean arda agus
cudthromach nach gabh mineachadh gu furasda ’s a'
Ghaidhlig, agus tha a’ bhuaidh sin r’a faicinn anns na
h-earrannan a leanas.]
SOLUS AGUS DORCHADAS
Dh’ ainmich sinn cheana, gur i a’ ghrian ata toirt
soluis agus teas do na reultaibh uile, agus air do ’n
talamh so a bhi ’na reul, tha e mealtuinn buannachd an
t-soluis agus an teas so mar an ceudna. Tha darna leth
na talmhainn a ghnath air a shoillseachadh leis a’ ghrein,