Skip to main content

‹‹‹ prev (190) Page 182Page 182

(192) next ››› Page 184Page 184

(191) Page 183 -
AN DEO-GREINE.
183
cuimhnich gu’n d’rinn mi dachaidh dhithse
agus dhuitsa. Cuimhnich a Mhurchaidh. ”
“Einn thu dachaidh dhuinn gun teagamh,
ach dachaidh a bha gl£ chumhang dhbmhsa,
gun bhi ro fharsuing dhithse, dachaidh a
dh’fhkg mu dheireadh gun dachaidh idir mi,
agus a dh’fhag an diugh mi gun sgil no
eSlas air gaol-mkthar, ach a leantuinn
dreuchd nach dbigh gu’m bogaich i cridhe.
Ach rinn thu dachaidh dhuinn ged a
b’fhuair dhomhs ’ i, agus leis a sin bidh fois
aig Maol-innis.”
Chaidh airm Mhaoil-innis a chrochadh ris
na ballachan a rithist, ’s an spr^idh a leigeil
ris na bruthaichean. Mu’n cuairt na cagailt
an oidhch’ ud, an uair a laigh a ghrian air
La Fheill Micheil, dh’aithriseadh sgeoil air
Murchadh na Seid, air gach teintein am
Maol-innis. Dh’eisd an oigridh ris an
aosda, agus chaidh an linn a dh’fhalbh a
thoirt mu chomhair na cuideachd anns gach
tigh ceilidh am Maol-innis.
(Ri ’leantainn.)
<>
UNPUBLISHED GAELIC POETRY.
The following song was composed by the
late John Macleod, brother to the late Neil
Macleod (CErsach an Doire), after return¬
ing from a sea voyage to his native place,
Glendale, in Skye. The “Ceannaiche” is a
high cliff on the west of Skye, not far from
the Feiste, noted for its strong and
dangerous tidal current. Another cliff in
the vicinity is “An t-Aigeach,’' or the
stallion.
AM BARD.
’Nuair a chuir mi fkilt air an Aigeach,
’S cha d’aithnich e mi,
Ni mi nis an dkn seo
Le bMgh dhutsa a Cheannaiche.
Gur trie a bha mi lamh riut,
Mun d’fhkg mi am fearann seo,
Air oidhehean mu d’chliathaich
Ag iasgach nan smalagan.
Bho’n dh’fhag mi thusa, chan eil sruth
A tha air muir nach aithne dhomh;
Dh’fhalbh mo chruth, mo neart, ’s mo ghuth,
Ma tha thu ’n diugh ’gam aithneachadh.
Ged tha thu fein a’ seasamh treun
Ei gaoith nan speur, cha chairich thu,
Cha chrith thu bh&rr do bhuinn
Bis na tuinn a tha stealladh ort.
AN CEANNAICHE.
Ach saoil learn fhin an tu Macleoid
A dh’fhalbh gle 6g ’n ad mhairiche?
Chaidh innse dhomh gun chaill iad thu
Thall ann an Astralia.
Tha mise seo mar bhk mi,
’S cha chnamh a’ chlach-mheallain mi,
’S gus an teich an Eudha Btm
As mo n&bachd, cha chairich mi.
Ged tha mi l&idir, m6r, is krd,
Bheir fear no dh£i mo char asam,
Is- e mo bhathar tha toirt fks
Air a’ bhunt&ta s t-earrach aca.
Cha tig na meirlich gu mo ph&idheadh,
Ged nach f&g iad stamh orm,
’S na faighinn cothrom falbh,
Bhiodh crith-thalmhuinn mu’n teallaichean.
’Nuair thig an samhradh blath orm,
Fagaidh am mulad mi,
Cha bhi mi mar tha ckch;
Bidh mi Ikn de na h-uile rud.
Na h-eoin a thig gu m’ shkilean,
’Ga sksuchadh uil’ agam;
’S ged bhiodh iad ann am fiachan,
Chan iarr mi dhaibh sumanadh.
Bhithinn-sa gle stadail,
Na fkgte mo chuid agam,
Chan ’eil iasg a th’ann ’san t-skl
Nach ’eil pkirt deth tigh’nn thugamsa.
Gach langa thig air snamh
Gu mo thrkigh, troimh na cruinneagan,
Thig Euain Chaluim Bhain,
Agus tkrraidh e uile iad.
Ei km na frais, bho bhuinn mo chas,
Bheir Calum Eos mo ghiomaich leis,
’S cha d’fhkg e crubag air mo chulaibh
Nach do sgiurs e uile as.
Tha’n diugh mo bhutha air a spuilleadh,
B’fhekrr dhomh duinte buileach i,
Gu ruig agus na bkrnaich,
Cha d’fhkg e iad gun chruinneachadh.
’Nuair thig an r6n gu buinn mo bhrogan,
Gheibh mi comhradh suileanta;
Bidh ’n fhaoileag bhkn gu trie a’ seanchas,
Ged tha’n sgarbh ’na bhumaileir.
A chorra-ghriodhach, thig i fein
Le ’cliu’s a beusan urramach,
’S gur trie a rinn mi ’cbmhdach
Le spbgan na h-iolaire.
Next Song will be “An t-Aigeach. ’’