Skip to main content

‹‹‹ prev (173) Page 165Page 165

(175) next ››› Page 167Page 167

(174) Page 166 -
166
AN DEO-GRBINE.
fhaighinn air tiis air an litreachas anns am
bheil solus air a thilgeil air inntinn an
t-sluaigh sin thaobh nithean an t-saoghail
tha lathair, agus na nithean tha foluichte.
Chan ’eil nl as soilleire bheir dhuinn ebias
air nadur nan daoine so, air a’ ghne caithe-
beatha bha aca anns na h-amannan ceothar
a dh’falbh, agus air an sealladh bha aca
thaobh an d&imh ri Dia agus ri duine na
gheibhear o leughadh gu ciiramach na
h-uirsgeulan saobh-chrtibhach, agus eideach-
ail, a’ bhardachd, agus na gnath-fhocail anns
am bheil beatha nan seann Ghaidheal air a
togail fa chomhair ar sill mar dhealbh an
sgathan.
Nach ’eil e iomchuidh gu’m biodh eolas
aig Gaidheil air eachdraidh an sinnsir fein,
’nuair tha iad air an co-eigneachadh gu bhi
a cur edlais air eachdraidh rioghachdan eile.
Na nithean sin tha air mhodh araidh
sniomhta an n&dur nan Gaidheal, agus ’g an
comharrachadh a mach mar shluagh, mar
tha speis cinnidh, gradh teaghlaich,
fialaidheachd, gaisge, naire, agus spiorad
neo-thrailleil, ’s fhiach iad sin bhi beachd-
achadh orra, agus gheibhear cunntas mu’n
deidhinn ann an litreachas Gaidhlig tha ann
an tomhas mor fathast taisgte ann an
leabhraichean duinte.
Tha moran sgriobhaidh ann an rosg agus
am bardachd Ghaidhlig, cuid ann an
leabhraichean tha furasda fhaighinn agus
moran tha fathast feitheamh ri deasachadh.
Am bheil e idir ceart gu’m biodh cho
liuthad aon ’nar measg nach urrainn feum
a dheanamh do na sgr'iobhaidhean sin ?
Thugamaid dhaibh eolas leughaidh agus
sgriobhaidh agus fosgaileamaid an t-ionmhas
so fa’n comhair.
’S e aon de na h-aobharan air son am bheil
aite cho m6r aig Laidinn agus Greugais anns
na sgoilean agus anns na h-oil-thighean gu
bheil iad ’nam meadhon freagarrach gu bhi
ag altrum geiread inntinn, gu bhi ag
aiteach a’ chridhe le smuaintean uasal agus
cothromach, agus gu bhi dusgadh deagh
ruin ann an spiorad an luchd leughaidh.
Tha na criochan sin uile ion-mholta, agus
tha iad againn anns an t-sealladh ann bhi
teagasg na Gaidhlig. Feudar na criochan
sin uile, agus tuilleadh ’nan cois, a chuairt-
eachadh leis a’ chanain againn fhein, agus
cha chanainn gu’m biodh an sarachadh air
a’ chloinn cho m6r.
Chan aithne dhomh meadhon as feumaile
do chloinn nan GMdheal chum cothrom
thoirt dhaibh an inntinn chur air ghleus agus
am buadhan a chleachdadh gu rannsachail
na bhi ag eadar-theangachadh o’n Bheurla
dh’ionnsuidh na Gaidhlig, no o’n Ghaidhlig
dh’ionnsuidh na Beurla. Gabh Laidionn no
Greugais, ma’s aill leat, an aite na Gaidhlig
agus cha bhi aon seach aon aca cho buann-
achdail chum na crlche sin a chuairteachadh.
Tha sinn a’ labhairt o ar fein-fhiosrachadh
’s a’ chiiis so.
'Nuair gheibh canain diithcha bas gheibh
an sluagh mar shluagh sonruichte bas mar
an ceudna. Sguir an Laidinn a bhi air a
labhairt mar chainnt choitchionn, cha
luaithe a sguir na chailleadh sealladh air na
Bomanaich mar shluagh. Teirgeadh eolas
na G&idhlig, agus bidh na Giudheil cho beag
suim dhiubh agus bithidh cho beag eagal
rompa ri cinneach coitchionn sam bith eile.
Ma tha sinn eudmhor gu mair na Gaidheil
mar chinneach do’n buin buadhan agus
cleachdainnean sonruichte—agus c6 their
nach ’eil—ma’s kill leinn nach bi sinn air
ar slugadh suas leis na Goill, agus cha b’e
ar n-iarrtus, leasamaid ar n-e61as air
canain nan Gaidheal agus togamaid a’
Ghaidhlig thar srath is chlachan.
Ma tha feum air facal eile is e so e. Is
i Ghaidhlig ar canain fhein agus an ni sin is
leinn fein is muirneach againn e. Na biodh
e comasach ma ta do choigreach a radh ri
ar ,n-6igridh an deidh so, “Is aithne dhuit
iad sud uile, dh’fhoghlum thu iad o d’oige;
ach tha aon ni dhith ort fathast. Pill a
dh’ionnsuidh a’ chlachain agus thoir leat
canain do mhathar fein.
0
THE REVIVAL OF GAELIC.
WORK OF AN COMUNN GAIDHEALACH.
The Executive Council of An Comunn
Gaidhealach met in the Golden Lion
Hotel, Stirling, on Friday evening, 1st
July, when several important matters were
brought up and discussed. The Bev. G. W.
Mackay, M.A., Killin, the president, was in
the chair.
Dealing with the reports of the Propa¬
ganda Committee, the Chairman paid a
tribute to the work of the organising secre¬
tary (Mr. Neil Shaw) in his visits to the
Highlands, with which he, as president, was
associated. The addresses which Mr. Shaw
had given in Gaelic had demonstrated to
Mr. Mackay the power of the language to
express ideas and to describe the work of