Skip to main content

‹‹‹ prev (172) Page 164Page 164

(174) next ››› Page 166Page 166

(173) Page 165 -
Aft DEO-GREINE.
iad sin ro dhaor airson gum faic sinn an
laimh gach sgoileir iad.
Tha sinn a’ creidsinn gur ann ri
cunntas a’ Chomuinn dh’fheudas sinn an
cothrom tha nis air a thoirt an Glaschu agus
an Inbhimis gu bhi cur ri e61as luchd-
teagaisg na Gaidhlig a chur. Bu mhaith
gun gabhadh moran an cothrom. ’S e
aobhar misnicb tha ann bhi faicinn
Gaidhlig air a teagasg ann an tri de oil-
thighean na h-Alba an diugh. Ach bithidh
uine fatbast mus urrainn ach beagan an
cothrom tha na h-oil-thighean a’ toirt
seachad a ghabhail. Feumar toiseachadh
’sna sgoilean mu’n deanar feum do’n
teagasg a gbeibbear annta. Cha chuirear a’
chlach mhullaich ’na h-aite mus caraichear
a’ chlach steidh. A dh’aindeoin oidhirp
bhios deanta gu bhi neartachadh eolais na
Gaidhlig, ’s ann caillte bhios an t-saothair
gus am bi cuisean air an ceartachadh anns
na sgoilean an toiseach. Gheibhear an
oigridh an sin. Ma chaillear iadsan
caillear an la. Ach ma dh’ullaichear am
fonn san earrach bidh suil ri toradh san
fhogharadh.
Toisicheamaid ma ta le cothrom a thoirt
do luchd-teagaisg na Gaidhlig tha nis againn,
feum a dheanamh anns na sgoilean Gaidh-
ealach de na leabhraichean a tha cheana
ullamh. Mar sin bidh fonn air ullachadh
anns am freumhaich teagasg Gaidhlfg anns
na h-ard sgoilean agus ann na h-oil-
thighean. Uidh air n-uidh cuirear ri
aireamh nan leabhraichean air am bheil
feum agus ri aireamh an luchd-teagaisg.
Chan ann le aon bhuille leagar a’ chraobh.
Na sglthicheamaid de’n deagh obair, agus
gun amharus thig a’ Ghaidhlig a
dh’ionnsuidh an aite tha dligheach dith ann
an sgoilean na Gaidhealtachd, agus mar a
leanas an 1& an oidhche, le feartan brlogh-
mhfir so, iarraidh cuiridh eolas na seann
chanain comhdach dreachmhor, urar air
gach glaic is cnoc.
Tha beannachdan a’ sruthadh ann an
lorg eblas na Gaidhlig.
Ma lorgaicheas tu mach a’ mhuinntir tha
cinnteach ’nam barail fein, agus tha mdran
diubh ’nar measg, gur e saothair fhiis tha
ann Gaidhlig a theagasg do’n bigridh, gheibh
thu mach nach ’eil smid Gkidhlig ’nan
ceann. De an tonaisg tha aig daoine san
t-suidheachadh bhochd sin do luach na
Gaidhlig. Thoireadh iad breith air an ni is
aithne dhaibh, agus an sin biodh fiughair aca
gu’n bisd sinn riubha.
Tha buannachd ann an lorg eolas na
Gaidhlig. Mur biodh suil ri maith
i65
b ’amaideas da rireadh a bhi call iiiil agus
saothair, ann a bhi cur a’ chanain air a
casan. Chan fhiach le moran an diugh ni
fhoghlum ach ni a lionas am pocaid
le airgiod gun mhionaid dalach. Than
t-airgiod maith, agus cha deanar a chuis as
aonais. Cha mhb a bhacas eolas na
Gaidhlig duine o bheartas a dheanamh le
onair.
Chan ’eil sinn a’ tagairt kite na Beurla
thoirt do’n Ghaidhlig ’nar sgoilean—tha fios
againn gur i Beurla as feumaile gu
cbmhnadh leinn ann an solair loin—ni motha
chailleadh sinn craicionn nan dbm a cur
catha as a leth na’n creideadh sinn gu robh
eblas oirre ’na bhacadh air adhartas ann am
foghlum agus cnuasachd na Beurla. Tha
dearbhachd againn ’nar n-eachdraidh fein
agus ann an eachdraidh sgoilearan a chaidh
troimh ar lamhan gur ann tha eblas air an
dara canain ’na chbmhnadh mbr gu bhi
rbiteach, air son na te eile. Chan ann aon
uair no dk uair a thainig sinn trasd air
sgoilear thug toiseaph air each araon am
Beurla agus an Gaidhlig. Db’n dearbhachd
as soilleire na sin air nach ’eil eblas na
Gkidhlig a’ bacadh soirbheachadh ann an
cnuasachd na Beurla.
Canaidh cuid, agus theid sinn leb ’s a’
phuing, nach h-urrainnear na h-uile ni
theagasg ’sna sgoilean. Agus do bhrlgh sin
their iad nach ’eil e iomchuidh Gkidhlig a
sparradh air amhaich dhaoine ’s a’
Ghkidhealtachd. Ach mar h-urrainnear an
ebrr chur ris na tha cheana air a theagasg,
am bheil dearbhachd againn gu bheil gach
nl tha faighinn kite air elkr-innsidh ’sna
sgoilean Gkidhealach na’s feumaile na ceud
chknain nam balach agus na nigheanan tha
air am bacadh o eblas fhaighinn air cainnt an
cridhe fein. Gheibhear uine gu bhi teagasg
Greugais, Laidinn, Frangais, a’ chainnt
Spkinteach, agus tha cuid diombach nach
’eil an tuilleadh furan againn ri cknain nan
Ruiseanach. Ach Gkidhlig—a mach i!
Am measg nan sochairean agus a’ bhuann-
achd tha tighinn an cois eblas na Gkidhlig,
chltear na nithean a leanas.
Tha eachdraidh nan Gkidheal a’ sineadh
air ais troimh nan linntinn, eachdraidh tha
airidh air na h-uile cor air eblas a ghabhail
oirre. Na buadhan agus na cleachdainnean
tha comharrachadh a mach nan Gkidheal re
an eachdraidh air fad, tha iad airidh air ath-
chuimhne bhi air a dheanamh orra ann an
inntinn an t-sliochd tha ag eirigh ’nan
dbidh. Cha tuigear na Gkidheil a dh’fhalbh,
cha tuigear eachdraidh na Gkidhealtachd, no
ceud eachdraidh na h-Albann gun eblas