Skip to main content

‹‹‹ prev (94) Page 86Page 86

(96) next ››› Page 88Page 88

(95) Page 87 -
AN DEO-GREINE.
87
eirigh ’na lan mhaise. ’Nuair a thogadh e
a ghnuis ris an airde 'near, leth ri eirigh
greine, bha a lamh dheas ris an airde air an
d’thug e ’ga thaobh sin mar ainm an airde
deas, is a lamb tbuathal (chli) ris an kirde
tuath. Bha an airde ’near fa chomhair.
Bheir an Gaidheal Eireannach gus an la an
diugb mu ni sam bith a tba fa chomhair, gu
bheil e “soir” air, no sear air. Tha mi an
dixil gun do chaill sinn am facal a bha, anns
an d6igh so, a’ co-ch6rdadh ris an airde
’niar le bhi a’ ciallachadh air ar cul. Ach
tha aon seadh anns an cuirear gu feum am
facal so co-cheangailte ri ar druim fathast,
is chan eil teagamh sam bith agam nach e
tha an so a’ chuid mu dheireadh de fhacal
a fhuair a thoiseach anns an d6igh a
dh’ainmich mi.
Tha fios againn gur e siachadh a theirear ri
dochunn a nithear air na felithean, gu
sonraichte alt-fheithean nan lamh no nan
cas. Ach ciod a theirear ri dochunn de’n
t-seorsa so air a dheanamh air feithean an
droma, an e siachadh? Tha mi an duil nach
e. Is e sin an ni ris an abrar “siaradh,” is
chan abrar siaradh an ceartas ri siachadh eile
ach anns an druim a mhain.
Nach taitneach an ni a bhi a’ breathneach-
adh air nithean de’n t-seorsa sin. Nach ann
againn a tha an dlleab luachmhor ’nar
n-eolas air ar canain dhuthchail f<Mn, a tha
a ’ fosgladh dhuinn achadh mar so gu
dloghlam ann! Agus chan ’eil an so ach aon
de fhichead ni de’n t-se6rsa cheudna air am
faodteadh beachdachadh. Nach sinn a
thigeadh gearr air ar dleasdanas le ar
canain a chur an neo-bhrigh is a leigeil bks,
is ’na bas-se na seudan luachmhor a tha an
tasgaidh innte a chall do ar cinneach gu
brkth.
Chan ’eil mi an duil gum biodh e
iomchuidh teannadh an so ri samhlaidhean a
thoirt seachad air an ni ris an abrar seudan
litreachais. Chan e nach eil ar teanga uasal
dearr-lkn diubh. Gun an dan uile, tha am
bitheantas aon rann, glan, deas, g’am faod
e a bhi, mar am blath a spiolar as
a fhreumhaichean an sin f&n a’ teannadh
ri searg ’nar laimh. Tha an sgeul chuimir,
dheas, iomlan a’ call a brlgh le earrann beag
dhi a mhain a thoirt am follais. Co dhiubh
tha ar litreachas cho ioma-shebrsach le a
loinn fein air gach seud fa leth, is nach
tairginn tagha beag no mor a dheanamh an
so.
Dha-san aig am bheil de mhiann beachd¬
achadh air maise litreachais na Gkidhlig
seblam an t-slighe a dh’ionnsaidh an fhuarain
far am faic e air a shon fein an t-uisge flor-
ghlan a’ curracadh a nuas a beul a’ ghrinneil.
Na sireadh e idir deoch dheth bho laimh aoin
eile, gun de dhragh a chur air fein dol air a
thbir far am bheil e a’ sileadh am pailteas
do gach neach. Ruigeadh e Sar Obair nam
Bard is bladh e a leor. Ruigeadh e gach co-
chruinneachadh ionmholta eile de obair aoin
no chaochladh bhkrd is breithnicheadh e
orra. Gluaiseadh e air aghaidh gu ruig rogha
nan sgeul a theasairg Caimbeulach He is
gach aon eile de a sheorsa bho bheul na
h-uaighe is beachdaicheadh e orra. Beachd-
aicheadh e orra chan ann air gach sgeul mar
sgeul ach am beairteas cainnte, am mac-
meanmna is ar annasachd nan smuain a tha
air am filleadh annta.
Na dearmadadh e baird ar latha fein, cho
math ri ealainich nan tri linntean a
dh’fhalbh. Cha bu chhir do Ghaidheal air
bith gum biodh aige ri aideachadh nach do
leugh e “Clarsach an Doire” is “Am Fear-
ciuil” bho cheann gu ceann. Chan e aon
uair ach iomad uair a bheir iad sin seachad
an cruach-lan de thaitneas is de thoileach-
adh. Agus tha iad-san beb ’nar latha fein a
dh’fhaodteadh ainmeachadh (is guidheamaid
an tuille saoghail dhoibh gu slor-chur ri an
cuibhrionn a tha cheana tomadach), a thug
dhuinn obair mhor a chuir meas orra fein is
air an duthaich.
Agus chan iad na baird a mhain. Bha
saoithrichean eile anns an achadh is dh’fhag
iad an skr-obair againn. Dh’fhkg iad ur-
sgeulan, gekrr-bheachdaireachd is rosg de
chaochladh shebrsachan aig ar laimh mar
gum biodh iad ag aslachadh oirnn ar n-aire
a tharraing chuca is aon smuain a bhuileach-
adh orra.
Mar sin na abradh neach gu bheil a’
Ghkidhlig falamh de litreachas de gach
sebrsa gus an trkigh is an taoisg e na tha
innte; agus an uair sin ma chuir e gu feum
na h-krd-bhuadhan a bhuilicheadh air bidh
an tuille clocrais air gu siubhal an dkra turus
air an t-slighe cheudna, is chan ann dlomhain
a bhios sin dhk.
Le aithne a bhi againn air a’ Ghkidhlig tha
e comasach dhuinn brlgh ainmean-kitean ar
diithcha a thuigsinn. Is dbcha gur e a bu
choir dhomh a rkdh, gun an t-eblas so nach
eil e ’nar comas na h-ainmean so a thuigsinn
idir. Is fada bho’n a thubhairt Mac Ruiseirt
gun eblas air a’ chknain Cheiltich nach biodh
e comasach Ikn fhiosrachadh fhaotainn air
na cknainean Ebrpach, oir gur i a’ chlach-
mhullaich a bha ’gan ceangal ri cheile uile
gu Ibir. Anns an t-seadh so air an do labhair
mi gu sbnraichte, is i a’ Ghkidhlig an iuchair
a dh’fhosglas is a shoilleiricheas dhuinn a’