Skip to main content

‹‹‹ prev (25) Earrann 2, Ceud Mìos a' Gheamhraidh, 1920Earrann 2, Ceud Mìos a' Gheamhraidh, 1920

(27) next ››› Page 19Page 19

(26) Page 18 -
18
AN DEO-GREINE.
uair nach faigh na h-eoiu greim na’s fearr a
chordas riutha ’sann gus na dearcan seo a
ghabhas iad. Tha Nadur a solarachadh a
bhidh seo dhaibh. Cha’n fhaic thu lon-dubh
no druid a’ cur gob an ns na dearoan fiadhaich
mur bi iad an fior eiginn; tba iadsan trang a’
trusadh na dh’ fhoghnas daibh air an achadh
bhuana. Mu dheireadh all, fhoghair tha gaeh
achadh lorn, agus tha na h-ebin a’ tathaich na’s
faisge air na dorsan, gu h-araidh ani bru-
dhearg, mar gu’m biodh iad a’ sireadh na h-
aoidheachd nach bu choir a chleith orra. Tha
na spoireagan beaga a’ beiceil mu’n cuairt cho
moiteil asda fein, mar gu’m b’ iadsan na creut-
airean as inbheiche ’san ealtaiim.
Chaidh am foghar a nis seachad, agus tha
sinn aig oir a’ gheamhraidh fhuair, rebthtaich
—an t-am aims am bi sinn a’ teannadh na’s
dliiithe do’n ghealbhan. Is ann aig am an
earraich is an fhoghair a bhios tuathanaich
bheaga na Gaidhealtachd ’nan lan dhrip, oir
aig an da thrath sin tha an side caochlaideach.
Aig an fhoghar a chaidh seachad, bha na
diiilean aig amanan a’ bagradh leir-sgrios a
thoirt air toradh an fhearainn ; co-dhiiibh air
machraichean na Galldachd. Is cinnteach gu’n
d’ fhuair a’ Ghaidhealtachd a cuid fhein de na
h-uisgeachan troma, is na tuiltean a bhriichd a
mach thar na claisean, agus a mhill cinneas an
fhearainn. Gidheadh tha dbchas againn gu’n
d’ fhuair croitearan am faljharach air son cur-
a-stigh, agus gu bheil an t-arbhar caoin,
cruaidh, an iodhlann lan is gach mulan dionach
fo thubhadh mu’n tuit gaillionn.
* k- *
Mar tha fios againn uile, tha an la a’ dol an
giorrad mar tha am foghar a’ dol seachad, agus
cha dean lunndaireachd an gnothuch. Cha
lean sgoinn am fear a bhios fada gu’n dol a
chadal agus fada gun eirigh. Mar a tha an
sean-fhacal- ag radh, am fear a bhios fada gun
eirigh bidh e ’na leum fad’ an latha. Bhiodh
ar n-aithriohean gu math moch air an cois.
Anns an am a dh’ fhalbh cha bhiodh daoine aig
am foghair ag itheadh greim bidh ri solus la—
“ Tri bidh air an oidhche, ’s gun aon ghreim air
an latha.” Is ann ri solus a’ chruisgean a
ghabhadh iad a’ cheud bhiadh ’sa mhaduinn
mhoich. Mar sin bhiodh iad deas gu dol an
ceann oibre gle thrath. Cha rachadh greim
tuilleadh ’nan goile gu anmoch, agus cha b’e
tea a bhiodh a feitheamh orra, mar a chithear
an diugh, ach gu trie buntata is sgadan, no
brochan tana measgaichte le bainne, agus aran
coirce. An uair a ghabhadh iad an sath de seo,
cha b’e pasgadh lamh a dheanadh iad. Chuir-
eadh na fir a’ phiob thombaca air uidheam ;
ghabhadh iad a maeh do’n Gsabhal agus thbis-
icheadh froiseadh, na sniomh connlaich, no
fraoich a chum gu’m biodh na bu lebr de
shioman aca air son nan cruachan, no tubhadh
nan tighean mu’n tigeadh dubhlachd a’
gheamhraidh. Cha bhitheadh na mnathan
’nan tamh. An th nach biodh aig a’ chuibhil
bhiodh i ri cardadh, te eile a’ figheadh stocainn
no ’glanadh shoithichean. Cha robh fois ’san
fhardaich gus an tigeadh am dol a laidhe an
deidh greim suipearach a ghabhail. Gu dearbh
’sann orra uile a thuiteadh cadal milis na
saothrach ; is iomadh neach a ghabhadh iasad
doth na ’n gabhadh e ceannach. Anns an am
ud cha robh duine a’ gabhail umhail do
fhaidead la oibreach, biodh e re ochd uairean,
no deich, no eadhon a dha dheug. Nach ao-
coltach seo ri muinntir shocrach ar la fhein a
bhios a’ cnamhan’s a’ gearain, ’s ri aimhreit ma
dh’ iarrar orra mionaid a bharrachd air sea
uairean ’san latha oibreachadh.
An uair a thigeadh crioch air obair an fhogh¬
air, cha bhiodh daoine cho dripeil, agus bhiodh
an oigridh le mor thoil-inntinn ag amharc ri
oidhche Shamhna. B’e sud oidhche nan
ubagan ’s nan gisreagan; an oidhche air am
biodh an droch fhear fhein ma sgaoil, na
buidsichean a marcachd, ma b’ fhior, air cas na
sguaibe air feadh an athair, no a’ dol thar muir
ann an gucag uighe. Saoil na’m faiceadh seann
daoine nan amanan a dh’ fhalbh, aeroplane a
snamh aims an athar, no motor car ’na deann air
an rathad mhor, ’s i a spiitadh ceb as a deireadh,
ciod a theireadh iad ? Direach gu’m b’e an
Donas fhein a bha ann an tbir air cuideigin!
An uair a shuidheas sinn ’nar cathair shocraich
air oidhche Shamhna a beachd smuaineachadh
air ciod am bun o’n d’ eirich cleachdaidhean is
saobh-chreideamh na Samhna, feumaidh sinn a
dhol fad air ais an eachdraidh a.’ chinne daonn i
mu’n tig sinn, gu comh-dhunadh as fhiach an t-
saothair a thaobh na cuise. Cha bhi ann, ach
tuaiream an deidh a h-uile rud. Ach tha aon
rud ann nach gabh aicheadh, agus ’s e sin gu
’n do nochd mac an duine, o chian, mor mhiann
air sgbd de ’n bhrat dhiomhair a tha falachadh
an t-saoghail eile a thogail. Dh’ fheach e
iomadh dbigh a chum na, criche seo, agus cha
do sguir e fhathast. Thuirt sean iighdar gur i
lamh na trbcaire a dh’ fhigh am brat a tha a’
falach bhuainn na tha ri teachd. Nach fior an
radh. Bha an Ceilteach o thus a gleac ri
nithean diomhair. B’e ghnb a bhi a tolladh
mu nithean a bha os cionn a bheatha lathail.
Bha e a’ creidsinn ann an saoghal a b’ fhearr na
’n saoghal a bha ’ga dhruideadh a, mach ‘o
chairdean a ghabh am t-aiseag gu Tir fo
thuinn, no Tlr nan Og. Cha ’n ionghnadh ged
robh e fo bhuaidh spiorad na dlomhaireachd ’s
an annais. Cha robh aige ach sealltuinn mu’n