Skip to main content

‹‹‹ prev (24) AdvertisementsAdvertisements

(26) next ››› Page 18Page 18

(25) Earrann 2, Ceud Mìos a' Gheamhraidh, 1920 -
AN DEO-GREINE
Leabhar XVI.] Ceud Mbs a’ Gheamhhraidh, ig20. [Karrann 2.
CLAR-INNSIDH.
Am Foghar agus an T-Samhuinn, - 17
Annual Business Meeting, .... - - 19
Executive Council, 1920-21, 21
Propaganda Campaign, 22
Sgeulaehd Fear a' Chota Shlibistich Liathghlais—The Tale
of the Man with the Slovenly Grey-Green Cloak, - - 25
Secretary’s Notes, - - - 29
An Comunn Gaidhealach—Thurso Branch, .... 30
An Comunn Gaidhealach—New Members, - - - - 32
AM FOGHAR AGUS AN T SAMHUINN.
“ Oidhoh Shamhna theirear gamlina ris na
laoigh.”
Foghar gu Nollaig
Is Geamhradh gu Feill Padruig,
Earrach gu Feill Peadair,
Samhradh gu Feill Martuiim.
* * *
Is aim air a mhodh seo a bhiodh na seana
Ghaidheil a’ roinn raithean na bliadhna, agus
!nar la fhein tha cuid de bhodaioh is de chaill-
eachan nach gabh ri gnaths na Galldaohd ’gan
cunntas air a’ mhodh cheudna. 0 chian nan
cian, mar tha sgriobhadairean a’ cumail a
mach, roinn na sean Cheiltich a’ bhliadhna ’na
da thrath—Bealltainn gu Samhuinn is Samh-
uinn gu Bealltainn. Ach cha ’n ’eil an teagamh
as lugha ann nach teid an sean mhodh cunntais
tur as, an iiine ghearr, mar a ohaidh a’ chuid
mhor de chleachdaidhean eile fo bhuaidh
nosan nuadha. Cuiridh an t-al a tha ag eirigh
suas ’nar n-am ciil ri iomadh rud a bha a’
riaghladh caithe beatha art seanairean. Ged
nach freagair na seann rudan sin ri beatha ar
latha fhein, cha bu chbr an di-chuimhneachadh
an diugh, oir tha iad a’ cur soluis air beatha
is eachdraidh ar sinnsrean ann an seadh
araidh. Faodaidh mi a radh nach dean fior
Ghaidheal tair air seann nosan ’aithrichean ged
nach toir e dhaibh an creideas a bha aca-san
annta. Is ann bu chor dhuinne a bhi taingeil
gu ’n do chuir solus na linne anns a bheil sinn
beo an teicheadh air moran de na sean ubagan
is na gisreagan a bha a’ cur dragha orra-san.
Tha sluagh an la diugh, ’nam beachd fein,
anabarrach glic is tuigseach, agus cha ’n fhaic
iad ann an sean chleaohdaidhean ach faoineas
air nach airidh ach gloo gaire. Tha fios is
cinnt gu bheil eblas is fiosraohadh de gach
seorsa a’ dol am meud mar a tha an saoghal a’
fas na’s sine, ach co dhiiibh tha gliocas a’ cumail
ceum riutha, ’se sin ceist eile, Chi sinn o bhi
a’ leughadh litreachas nan sean Ghreugach gu’n
do chinn mbr ghliocas is aigne dhealbhach anns
a’ chinneach ainmeil ud, ged bu Phaganaich iad.
Mar an ceudna bha na sean Ghaidheil air
thoiseach oimn ann an tuigse is tiir naduir,
eadhon ged fhuair saobh-chreideamh greim orra.
’Nar la fein cha do thilg sinn saobh-chreideamh
gu h-iomlan an dara taobh fhathast. Mar sin
cha ruig sinn a leas a bhi cho abartach.
* * *
Dh’ fhalbh an seorsa Samhraidh a bha againn
am bliadhna, agus a nis tha dath ruiteach 6ir
a’ sgeudachadh na diithcha. Tha duilleach
nan craobh air fas donn agus a’ tuiteam gu lar,
mean air mhean, an deidh dhaibh an obair
nadurra a chrioohnachadh. Theid an uinn-
sean a lomadh roimh chach. Mairidh duil-
eagan na faidhbhile, na leamhain, na plintrinne
beagan na’s fhaide. Is e am foghar am nan
dearcan fiadhaich, agus tha gach callaid
dhroighinn trom la mucan faileag is sgeach-
agan—fiamh an 6ir air na frith rathadan. An