Skip to main content

‹‹‹ prev (89) Page 81Page 81

(91) next ››› Page 83Page 83

(90) Page 82 -
82
AN GAIDHEAL.
“Air m’ anam tha thu ceart!” Shliobair sinn
timchioll ’s chuir e an gunna ’nam dhorn.
“Am beil thu cinnteacb gum buail thu e i ”
air an ath fhacal. “An ann san i^suil no san
ghuailainn a chuireas mi mi ann i! ” arsa
mi fbein. Cuimbnich thusa nacb e idir cho
math ’s a bba mise air a ghunna, ach
chuireadh tuataidb a chasan os a cbionn aig
lethcheud slat. Dh’ fhalbh sud’s chaidil am
fiadh, ach ma dh’ innsear an fhirinn cha
robh ann ach mar thubhairt Domhnall
brathair mo sheanair nach maireann am murt
air a’ mharbh!
Acb co dhiubh an ceann da latha bha
coig chlachan deug de dheagh sbitbionn air
an riaghladh air teaghlaichean Bhaile — ri
linn ar saothair, agus an deagh chlairc
naoidh mheurach aig Fear Ghlascbu ’na
chois. Creag an Eidhinn.
0
LITIR COMUNN NA H-OIGRIDH.
Bha mi ag innseadh dhuibh an litir a’
mhiosa a dh’ fhalbh mar a fhuair mise am
mach air mo shoh fein. ’S gun mi ach aona-
bliadhna-deug a dh’ aois, gu bheil an reult,
Bheunus, so-leirsinrieach do’n t-suil ri lan
sholus na greine. Thubhairt mi gun innsinn
uair eile mar a stiur mi mo shitil gu a
faotainn air aghaidh na speur. Is e
toiseach an t-samhraidh a bha ann, agus dh’
fhaodainn a’ cheart bhliadhna innseadh
dhuibh cuideachd, ach nan deanainn sin
bhiodh sibhse cho fiosrach air aois Eachainn
ri Eachann fein! Bha a’ ghealach air
tighinn air a h-aghaidh is i a’ direadh ris a’
cheud cheathramh; agus am feasgar roimh
latha mor an fhoillseachaidh so bha i gle
dhluth air Bheunus agus iad le cheile cho
boidheach, boillsgeil a’ tuirling ris an lar.
An nis, bha deagh thuaiream agam air an
astar a thuiteadh a’ ghealach air a h-ais
eadar sin is an la-maireach, agus chuir mi
romham gun cuirinn dearbhadh air co-
dhiubh a bhitheadh no nach bitheadh
Bheunus r’a faicinn feadh an latha.
Mu thri uairean an larna-mhaireach—
ceathramh gu tri, leis an uair a thoirt
dhuibh gu mean—is mi air an rathad mhor
aig na Cnocain Bhreaca, thog mi mo shuil
ris an t-seomar-adhair anns am bu choir
do’n ghealaich a bhith, is fhuair mi i.
Thomhais mi' an sin an t-astar, a reir mo
bheachd, an taobh a bu choir do Bheunus
laighe, is fhuair mi i cho reidh is ged a b’e
bulbhag air mol mara a bhithinn air a tbir!
Mar a thubhairt mi mar tha, cha mhor nach
dannsainn leas an toileachadh!
Bha ni eile nach d’ fhuair mi buntainn ris
anns an litir mu dheireadh a bha mi am
An Giblein, 1943.
beachd a dh’ fhaodadh a bhith ’na thaladh
air aire Comunn na h-Oigridh. Bha bho
chionn ghoirid an so cnuasachadh a’ dol air
aghaidh am paipear naidheachd a bhios na
Gaidheil a’ leughadh mu chiall ainmeannan-
aitean sonraichte. Chan ’eil aobhar air am
hualadh air an cinn an so; ach carson nach
foadadh aon sam bith de Chomunn na
h-Oigridh an uair a chluinneas e ainm aite
’na eilean no ’na ghleann fein ’s a bhiodh
tidheach air a mhac-meanmna a dhusgadh,
fhebraich ciod is ciall do’n ainm sin, no
fharraid a bheil sgeul sam bith air carson a
thugadh an t-ainm sin air.
Tha e nebnach mar a theid ainmeannan a
thoirt air aiteannan. Chaidh creagan, cnuic
is eile far an d’ araicheadh mise a bhaisteadh
mar so ’nam linn fein, agus chan ’eil ach gle
bheag an diugh aig a bheil fios air an
aobhar ach mi fein a mhain — “ Cnoc an
Teine,” “ Creag a’ Mhurain,” “ Creag
Dhbmhnaill Mhic Eachainn,” “ Leac Alas-
dair Mhoir,” “ Toll a’ Chait,” “ Tobar Iain
’ic Calum ” is mar sin air aghaidh. Tha an
sin fein se taobh a stigh de chearcall leth-
mhile.
Tha mbran eachdraidh is tuath-sheanachas
fuaighte ri ainmeannan-aitean na Gaid-
healtachd, agus duisgidh iomadh aon de na
h-ainmeannan a chluinneas sinn gach taobh
’gan teid sinn ar mac-meanmna gu rioch-
dachas a dheanamh air an aobhar : —“ Ciod
ainm a tha air a’ chaolas chumhang so, no a
bheil ainm air ? ” “ Tha sin air (arsa an
sean-duine); sin agad ‘ Caolas Bhristeadh
Ramh,; agus bha deagh aobhar air an ainm
sin a thoirt air! ” Tha a leithid sin de
chaolas gle dhluth air far an do rugadh mise,
agus is tartarach an sgeul a tha air a
h-aithris air mar a thugadh dha an t-ainm
sin 1
Tha mi am beachd gu bheil da mheanglan
an sin an craoibh dhosraich na Gaidhlig
ris am faodadh buill-stuic Comunn na
h-Oigridh an deagh aire a tharruing, cho
math ri ceud ni eile nach ’eil an cothrom
againn an ceartair gu ainmeachadh.
Tha sinn toilichte a bhith ag cluinntinn
gu bheil am marbh-chadal cbntraigh a thuit
air na mbdan bho’n a bhris an cogadh am
mach a’ teannadh ri eirigh dhinn, is an
reabhairt ag gealltainn a bhith a’ tighinn
air a h-aghaidh gun dail. Mar a thug sinn
fa-near mar tha, tha mod ri bhith againn an
Glaschu anns a’ Cheitean so tighinn, agus
air a chul sin is coltach leam gum faod e
bhith gun cuir luchd mo ruin is na
dealasaich, muinntir Charadail, mod beag
air bhonn anns a’ bhaile sin. Chan ’eil mi
an ceartair a’ dol na’s fhaide na ainmeachadh