Skip to main content

‹‹‹ prev (88) Page 80Page 80

(90) next ››› Page 82Page 82

(89) Page 81 -
An Giblein, 1943.
AN GAIDHEAL.
81
“THAGHAIR E ORM AIR SEACH-
ARAN MHONADH IS SHLIABH”
Bha triuir againn san chuideachd, an
Grille Glas„ Fear Ghlaschu agus mi fhein.
Tha fhios aig sealbh nach do thog mise
riamh gunna ri “ fear croic ” agus cha b’e
fear Ghlascbu buille a b’ fhearr—fhuair mi
sin a mach mun deach an latha na cheis ach
coma co-dhiubh bha an Gam againn dheth
agus lan chothrom air iomachd na frxthe.
Chaidh uidheam na seilg a chur air doigh
agus thog sinn oirnn suas slinnean na
beinne, ’s gu deimhinn’s i bha cas, ach bha
an latha fada ’s cha robh a’ chabhag ann.
Leig sinn ar n-anail lethach slighe suas
agus ’nam shuidhe thug mi suil mun cuairt
—sealladh iongantach. ’S beag tha dh’ fhios
aig fear siubhal na machrach de an taladh
tha tarruing fear iomachd nam monadh ’s
nan sliabh. Bha na beanntan ag eirigh ’nan
cnapan thall ’s a bhos gun samhla eile ach
iad fhein, ’s mise ’gam fhaighinn cho
meanbh ri cuileag air cliathaich tighe. Fada
fodham shios san urlar bha an abhainn
ghlas, agus chuimhnich mi air a’ bhard,
“ uisgeachan min’,” arsa esan, “ ag cireadh
fuiltean nan gleann.” Bha rathad mor an
righ gun anail bheo ag iomachd air. “ Bha
latha eile aig fear na monadh.” Thog mi da
cheum rothaid eile cuideachd san ghleann—
fear dhiubh air eigin—am fear eile soilleir
gu lebr, agus san amharc nach ann a thuit
mi ann an neul agus air m’ fhacal mar robh
mi faicinn air an t-seann fhear gluasad nan
each agus marcaichean nan eideadh dearg
a’ deanamh air a’ Ghearasdan. Chlisg mi ’n
uair thubhairt an Gille Glas, “ Nach toir
sinn ceum as.” “ Chan ’eil fhios nach e sin
as fhearr,” arsa mise. Suas leinn gualainn
na beinne’s dh’ 61 sinn deoch a fuaran faisg
air a mullach. Os ar cionn bha an iolair
mhor gu socrach a’ seoladh air sgeith. Sguab
i timchioll uair no dha ’s laigh i mu dha
cheud slat air falbh.
Chum sinn oirnn — an Gille Glas air
thoiseach ’s e cho eolach air laighe an
fhearainn’s air iomachd nam fiadh ’s a bha
mise air mo leth bhroig. Cha robh mi ann
’nuair a chrub e, Fear Ghlaschu air a shail.
Gann ceud slat air falbh bha deagh dhamh
’s e leointe sa’ chrubh deiridh. Chaidh an
gunna chur an laimh Fear Ghlaschu, is
aithne dha a chuis a ghabhail air a shocair.
Bha mise fathtaireachd a faicinn an dol a
mach ach ged bha an damh air leth chois
cha robh e air leth shuil. Mach a tharruing
e ’s cha robh a mhisneachd aig Fear
Ghlaschu na dh’ fheuchadh e air. “Ach,” ars
an Gille Glas, “ cha deanadh an urchair ach
beathach a b’ fhearr a chur seachad oirnn ”!
Biodh sin mar bhios e. Thainig sinn air
croileagan aighean. Cha robh iad ach
meanbh ’s chum sinn seachad gun dragh a
chur orra. Bha Dam Cheann Loch Mor a’
fosgladh ruinn a nis. Miltean an ear bha
carbad iarainn Mhallaig ’na meall ceothadh
a mach a Raineach. Thog sinn leis a’
ghloinne baidean dhamh mu mhile gu leth
air falbh ach cha robh e idir furasda faighinn
thuca. Gun fhios nach gluaiseadh iad gu
suidheachadh bu fhreagarraich dhuinne
shuidh sinn ’s ghabh sinn greim bidh. Ma
bha cha do charraich na feidh ’s cha robh
bhuainn ach cal no brochan a dheanamh
dheth. Shliobair sinn an null achlais nam
beann ’s sinn ’nan sealladh fad an t-siubhail.
Mu leth mhxle bhuapa dh’ eirich iad. Stad
sinne cruaidh far an robh sinn mu dheich
mionaidean. Laigh iad a rxs.
Co dhiubh no co dheth thainig sinn a
steach orra ’s dh’ fheuch Fear Ghlaschu
urchair. “ Tha e agad,” ars an Gille Glas.
Leon e e gun teagamh ach cha be sin a chur
ri talamh. Mach gun do ghabh na seoid. Dh’
fheuch e rxs agus a rxs. Cha do ghearr calg.
Bu cho math dhuit longag. Mu shia ceud
slat stad iad’s leig mo Ghille Glas fhein sud
air falbh. Chuir am peileir smuid a leth-
cheann na creige dxreach os cionn an daimh.
Dh’ fheuch e an ath the. Cha robh mi ann
’n uair a chuir an damh car mu char
druimeach air shearrach ceud slat a nuas an
leathad. Mhol mi a chinnt ’s chord sin ri
mo char aid.
’N uair a rainig sinn far am bu chorr
do’n damh a bhith cha robh sgiala air. Mu
dha cheud slat air falbh bha mo charaid
cabrach a sxor chumail air cxrean an aonaich.
Chaidh sud mu chluasan a rxs agus a ris
ach cha do leig e buille as a ghleus. Suas
leinn as a dheidh. “ Tuitidh e,” ars an
Gille Glas. “ Fiadh eile th’ ann,” arsa Fear
Ghlaschu. Thachair gur ann ormsa a bha
an t-srathair. fiughall a bhxdh, cota no dha
’s mi ruith mar dheidheadh agam air, 's m’
anail ’nam uchd. Chan fhaodaist a chall.
Rainig sinn am mullach ach cha robh
sealladh air. Chxr sinn gach pollag feadh
mhxltean ach cha robh lox-g. Cha robh air
ach tilleadh dhachaidh, deanamh air an
rathad mhor far am b’ fhaisg e,, agus abair
thusa tamailteach.
Dxreach an uair a bha sinn tighinn air an
rathad, mar bha fortan an dan, thachair
dhomhsa suil a thoirt air mo ghualainn.
“ Chan ’eil mi ag creidsinn a dhaoine an
fhasaich nach e fear de na cabair aige tha
air cul na lie ud,” arsa mise, “ mu cheud
slat air falbh.” “ Chan e,” ars an Gille Glas.