Skip to main content

‹‹‹ prev (59) Page 51Page 51

(61) next ››› Page 53Page 53

(60) Page 52 -
AN GAIDHEAL.
An Gearran, 1943.
maith air a bheil coir aige—ullaciiadli an
Athair neamhaidh do a chreutairean fhein.
Tha cuimline agam air seorsa de dhublifhacal
a bba air a cbleacbdadh a tbaobh an lon-duibh,
radb a tha ’na fhior sheanfhacal cuideachd:
“An lon-dubh, an lon-dubh spagach thug mise
dha coille fhasgach fheurach ’s thug esan
dhomh am monadh dubh fasach.” Tha cuid
ag cumail a mach gur h-e na Romanaich, nuair
a thainig iad an toiseach, a tha so ag ciallachadh,
cuid eile gur h-e na Lochlannaich, ach tha e nas
coltaiche gur h-e coigrich as fhaisge a laimh na
aon seach aon dhiubh sin tha an dubhfhacal ag
ciallachadh, theagamhna Goillna na Sasannaich.
So agaibh seorsa de rann a bhiodh againn
’nar cloinn air an lon-dubh :
Bun a ghuib, air a ghuib,
Barr a ghuib, air a ghuib,
Eun dubh air a nead, sheinn an lon-dubh ;
Eun dubh, ho, ho, gradh air na feadagan.
* * *
Bean Fhinn.—Fhuair mi litir bho lonnsaiche.
Tha e—no i—ag radh gum biodh e fada an
comain a’ Ghaidheil nan innseadh e dha ann
am ‘Eacal san dol seachad’ na buadhan
sonraichte a bh’ air bean Fhinn. Chuala e
uaireigin, tha e ag radh, na buadhan son*
raichte a bha air Grainne, bean Fhinn, ach
chan ’eil dad a chuimhne aige orra. Cho fad
’s is aithne dhomhsa cha robh buadhan grinn
sam bith, no a bheag de shubhailcean eile,
air Grainne nighean Chormaic mhic Chulainn
ceud bhean Fhinn a theich le Diarmad, nas
motha na bha air te eile d’a sebrsa. Ach tha
mi deanamh dheth gur h-e tha lonnsaiche ag
ciallachadh seann duan a tha ann mu dheidhinn
na mnatha a thagh Fionn dha fhein an deidh
do Ghrainne fhagail is ruith le Diarmad. Gun
fhios nach ’eil suil aig ar caraid bean fbaotainn
dha fhein agus an dochas gum bi so ’na
mhisneach’s na shebladh dha, is fhearr dhomh
cliu bean Fhinn a thoirt dha mar a tha e.
Siristeach de mhnaoi
Luim chruaidh;
Air a lionadh de throma ceill,
Gun mhiann aig duine fo’n ghrein de snuadh ;
Buntamach, suilbhir mu bhiadli,
A chaitheadh gu fial air daimh.
’S nuair chitheadh i a namh ’na ghailc,
Bhiodh daonnan ’na chul-taice dha—
Nam b’ eudar, nach obadh stri,
’S a bhiodh a h-iarraidh gu sith’s gach am—
A’ bhean choibhneil, thoirteil,
Neo-lochdach, gun mhuig;
A’ bhean steidheil, dheanadach,
Miadhail mu deagh chliu :
Nach aomadh’s nach lubadh
Le sughadh no le h-agh :
A’ bhean a thagh Fionn dha fhein
Nuair thug Diarmad fo gheill Grainne.
* * *
Ceann Cropaich.—Is e rud a leugh mi an
latha roimhe am paipeir mor Ghlaschu a thug
ceann cropaich ’nam chuimhne. Anns a’
phaipeir fhiughail sin an deidh dhomhsa suil
a thoirt air naidheachdan a’ chogaidh agus air
gnothaichean cudthromach eile na rioghachd
’s an t-saoghail mhoir tha mi daonnan a’
tionntadh dh’ ionnsaigh oisean a th’ air
ainmeachadh “ Clar-lathail Fir-deasachaidh.”
Is ann ainneamh a bheir mi suil air an oisein
so nach fhaic mi rudeigin ann a dhuisgeas mo
smuain no mo mhac-meanmna. Chi mi rud
glic no rud nebnach no rud eibhinn air choreigin
ann ; agus an drasda ’s a rithis rud nach bu
mhisde an duine coir am barrachd eblais
fhaotainn mu a dheidhinn. Ach nach ann
mar sin a tha thaobh a h-uile fear-deasachaidh !
Co-dhiubh air an' trobha so air a bheil mi
labhairt bha e ag radh gun robh grunnan de
dhaoine coir a’ bhaile-mhoir ud cruinn—tha mi
ag creidsinn gur h-ann mar as minic a bhitheas
aig coifi roimh mheadhon latha a bha iad—
agus as a’ chbmhradh a bh’ aca thainig iad
thairis air suilean eisg, agus an robh fhios an
robh a’ chuid sin de’n iasg air a mheas mar
mhir blasda an cearnaidh sam bith. Thubhairt
fear de’n chuideachd gun robh nighean air
mhuinntireas aca-san uair as Eilean Leodhais
agus an drasda „’s a rithis gum biodh a
companaich a tighinn air cheilidh oirre, agus
gur e an t-sebin a bhiodh aca an oidhche sin le
an tea ceann truisg, agus gun duirt an nighean
ri a banamhaighstir nach gabhadh cainnt a
chur—co-dhiubh am Beurla—air cho blasda
’s cho cailmhor ’s a bha suilean an truisg.
“ Ta,” arsa mise nuair a leugh mi so, “ is maith
a fhuaireas thu ghalad, cha bu tu a’ cheud te,
agus is ionghantach mas tu an te mu dheireadh
a ni fealla-dha de dh’ aineolas muinntir a’
bhaile-mhoir air dbighean ’s air bith-beb na
duthcha. Cha b’ ann air suilean an truisg a bha
an t-sedin aig na h-ingheanan ach air a’ cheann
gu leir, agus tha e moran nas coltaiche gur h-e,
ceann langainn a bhiodh aca—on tha esan nas
blasda agus tha barrachd itheanaich air—
agus nach ann leis fhein a bha e ach ’na cheann
cropaich. Agus sin biadh a b’ fhiach tadhal
thuige—chan ’eil nas blasda agus nas cailmhoire
dol an ceann duine.
Is e ceann cropaich, ma tha, adha eisg—
adha, no grudhan, langainn no truisg, no adaig
no' saoidhein, neo glais-iasg taitneach eile—
agus i air a fuinne agus air an taosnadh am
min choirce, agus dinnean salainn agus piopair