Skip to main content

‹‹‹ prev (42) Page 34Page 34

(44) next ››› Page 36Page 36

(43) Page 35 -
An Dudlachd, 1942.
AN GAIDHEAL.
35
faclair de atharrachadh beachd, tha mise an
duil gu bheil buintealas aig “ cheer ” ’na fbreumh
ris an fhacal “ cridhe,” agus mar sin tha
“ biomaid cridheil ” cho dliith air a’ bheachd
a tha suainte ann an “ cheerio ” ’s a b’ urrainn
duinn a dhol. Ciod a nis mu “ O.K.” ? Tha
sin ag ciallachadh “ uile ceart agus mar sin
dheanadh “ U.C.” an aite “ O.K.”, (nan robh
ni mar sin ri bhith agamn idir) feum ceart gu
leor. Ach tha a’ cheud aon, “ Biomaid Cridhe’l-
O.” rud beag leibeisdeach gu a chur an cleachdadh
mar fhacal soraidh, agus is e a’ chuis ciamar a
dheanamaid na bu chuimsiche e! Is e a ni mi
ruibh, mata, leabhar beag a thoirt do’n bhalach
no do’n chaileig a chuireas chugam am facal as
deise gu seasamh an aite gach aon de’n da radh
so; agus, a nis, ged is ann ris a’ chloinn an
coitcheannas a tha mo sheanachas anns an
litir so, cha bhuin mo chuspair ris a’ chloinn
ach mar a bhuineas e dhuinn uile, inbhich is
gu leir ; is docha gur ann a tha tuille buintealais
aige ris na h-inbhich ; ach leis gum bi iadsan a
tha ’nan cloinn an diugh ’nan inbhich am
maireach, smaointich mi gun buininn ri ni a
bu mhaith learn a bhith air a spionadh am mach
as a’ Ghaidhlig uile gu leir.
A nis, bidh an Nollaig againn mu’n bi an
ath litir fa’r comhair, agus mar sin, mar cho-
dhiinadh an ceartair chan ’eil an corr agam r’ a
radh ach deagh dhurachd na Nbllaige a chur an
ceill dhuibh uile—agus sin an latha a chi ’s
nach fhaic!
Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
——
AM BRUIDEARGAN.
A Bhruideargain, a Bhvuideargain,
Gur duilich learn do sheol
Ad sheasamh bonn na h-uinneige,
’S do chasan beaga reot’.
Tha car ad cheann ag coimhead rium
S do ghoban biorach, breoit’
Ag inns’ gu bheil thu fannachadh—
Tha ’n t-acras ’ga do leon.
0, fosglaidh mise ’n uinneag dhuit,
Mun caill thu tur do threoir,
Is bheir mi sbruileach arain dhuit,
Tha pailteas air a’ bhord.
Na bitheadh fiamh no eagal ort,
A eoinein bhig, gun gh6,
Tha ’n tigh gun chat gun chuilean ann,
’S cha leig mi duin’ ad choir..
'Gur caomh learn thu air thigheadas,
Bu toigh leam riamh do sheors’,
Oir chual mi sgeul an t-seanachaidh
Mar fhuair thu ’m broilleach oir.
Ach their iad rium do’n aithne thu
Gu bheil thu mar an corr,
Gu caidreach nuair bhios ainnis ort,
Am pailteas coingeis co’c.
Nuair thig an t-Earrach lusanach,
Bidh tusa ’m bun nan cos,
Ag ceilearachd ’sa’ leannanachd—
Gur tu bhios air do dhoigh !
Ach nuair thig fuachd is gaillionn ort
Is gainne air do Ion,
A sheoid, is math is aithne dhuit,
C<5 aig’ tha ’m bonnach eorn’!
Niall.
/>
EADARAINN FHIN.
Crodh Gaidhealach.
A charaid ionmhuinn,—Bu mhor an ionghnadh a
chuir sibh orm is sibh ag cur sios air a’ chrodh
Ghaidhealach. Chan ’eil mise ’nam thuathanach
idir, idir, ach a reir mo chuid eolais, chan ’eil gne
eile ach an 'Geansaidh a mhain (is chan ’eil e pailt
aca nas motha) aig a bheil bainne cho beartach ris
a’ chrodh againn fhein.
Ach tha car eile sa’ chuis. O chionn mios thainig
iomradh a mach fo ughdarras an righ air Tinneas
Caitheamh san duthaich so. Chithear an sin gu
bheil sinn ag call miltean de phaisdean a h-uile
bliadhna leis an droch ghalair so. Sa’ bhliadhna
so chaidh shiubhail tuille na 50% a bharrachd air
an uiridh, le caitheamh an cochul na h-eanachain
(T.B. Meningitis) ! ’S ann leis a’ bhainne a thig
an galair uamhasach so!
Nis tha a h-uile gne chruidh anns an t-saoghal,
ach gu h-araidh an Crodh Breac, buailteach ris a’
ghalair so ach an C'rodh Gaidhealach a mhain. ’Se
mo bheachdsa, le’r cead, an aite a bhith sguabadh
nan creutair truagh as an duthaich fhein mar a
thachair do na Gaidheil nach bu choir crodh eile a
bhith againn idir is bhiodh cloinn na Gaidhealtachd
fada na b’ fhalainne na tha iad an diugh. De math
am pailteas gun an t-slainte?
Nan d’ fhuair an gne so cuideachd cothrom na
Feinne is iad air am biadhadh sa’ bhathaich mar
an Crodh Breac dh’ fhaodadh nach biodh an
dimeas eatorra cho mor’s a tha sibhse de’n bheachd.
Is mise, le mor speis,
Athail MacDhonnachaidh.
An t-Oban Lathairne.
Varia.
Rev. Sir,—When Bir Hacheim was .very much in
the news some months ago, the “Bulletin” informed
us that Bir means a well. It is interesting to note
that Bior is an old Gaelic word for water. It is
also an element in the word Tobar, which may be
hyphenated, To-Bir. There is also the obsolete
Gaelic word Dobhar, Do-Bir, from which probably
Dover derives its name. We find the same word in
the Bible in the form Beer, as in Beer-sheba,
“Well of the Oath,” taking us back to the time
of Abraham, though it is not to be inferred that
its use in the Gaelic is as old as that, though
undoubtedly of great antiquity in our venerable
language. I have no doubt Bir is also a component
in the well-known words, Aber and Inver. There
is also the now obsolete Gaelic word Tiobairt,
properly Tiobair, the t at the end being merely a
parasite. This word survives in Jura in the place-
name Port an Tiobairt, and in MacFarlane’s version
of the Gaelic Psalms (1753)—An tiobaii’t is an tuil.
It would be interesting if we could trace the