Skip to main content

‹‹‹ prev (41) Page 33Page 33

(43) next ››› Page 35Page 35

(42) Page 34 -
31
AN GAIDHEAL.
An Dudlachd, 1942.
It is hoped that as a result of a personal
visit other Branches in the area will bestir
themselves and make a substantial contri¬
bution to the Central Fund.
Members are reminded that there is still a
quantity of Gaelic Greeting Cards in Celtic
design available, and that they may be had
from the office of An Comunn. The prices
are 4d and 2d each and orders should include
Postage. Niall.
$ —
MR. JOHN M. BANNERMAN,
M.A., B.Sc.
We cordially congratulate our good friend
Mr. John M. Bannerman on his appointment as
a member of the Scots Forestry Commission.
His academic training and his practical experi¬
ence eminently fit him for this important position
—a position in which we are confident he will
render the country valuable service.
<>
AIRSON NA CLOINNE.
Ros Na Nollaige.
Ged nach ’eil an ros so ach tearc ri fhaicinn
aig am na Nollaige tha mi ag creidsinn nach
’eil neach sam bith nach dean gairdeachas a’
faicinn an dithein ro-mhaiseach so, ann an
dubhlachd a’ gheamhraidh, an uair a tha
moran de lusan eile ’nan cadal.
Fada mun tog an gealag-lair a shleaghan
beaga gorm os cionn na talmhainn, bithidh
Ros na Nollaige a’ sgaoileadh a bhlath-
dhuilleagan geal-ceireil f’ar comhair, agus le
a bhoidhchead ag cur aoibhneas air ar suil
agus air ar cridhe.
Tha seann sgeulachd a’ toirt aithris air caileag
6g a bha tional connaidh anns a’ choille air an
oidhche sin air an tainig tri camhuill luchdaichte
le tiodhlacan ro-phriseil, agus a tharruing iad
dluth do’n stabull. An uair a chaidh iad a
steach theann a’ chaileag dluth, agus chunnaic i
an triuir choigreach le naomh-aoradh a’ tairgse
tiodhlacan de or agus this agus mir do’n Leanabh
Naomh. Ghuil i le bron chionn nach robh nl
sam bith luachmhor gu leor aice ri thairgse
dha, agus thuit i an sin ’na cadal.
Ach bha a doilgheas agus a brbn air fhaicinn
ann an neamh, agus a chum comhfhurtachd a
thoixt dhi thug Righ na Gloire ordugh do
ainglean cuid de na rosan a bha am Paras a
thional, agus am fagail laimh ris a’ phaisde.
Nuair a dhuisg a’ chaileag chunnaic i na rosan
flor-ghlan maiseach a bha an laimh rithe, agus
thional i iad gu chramach le mor ghairdeachas
cridhe. An aite an toirt chun a’ mhargaidh
far am faigheadh i reic orra chaidh i gu samhach
socrach do’n stabull, agus le urnuigh buidheachais
chuir i na blath-dhuilleagan prised ri taobh an
Leanabh Naoimh. Dhuisg an Naoidhean, agus a’
sineadh a mach a laimh bhig bheannaichte
bhuin e riutha, agus bho’n uair sin tha blath-
dhuilleagan Rbs na Nollaige le fann-rudhadh
buidheachais ag cur an ceill gun bhuin meure n
caomh an Leanaibh Naoimh ri ’n gruaidh.
Gill Fhinn. I- T.
LITIR COMUNN NA H-OIGRIDH.
Bha mi an cuideachd shonraichte an sud,
chan ’eil aobhar dhomh innseadh ciod a’
chuideachd a bha ann, agus thachair dhomh
fein is do Ghall a bha laimh rium a bhith an
eisdeachd dithis a bha ag cbmhradh anns a’
Ghaidhlig. An uair a bha iad a’ fagail soraidh
aig a cheile, “ Cheerio ” ars aon, is “ Cheerio ”
arsa an t-aon eile. “ Tha mi a’ tuigsinn,” arsa
am fear a bha anns an eisdeachd maille rium,
“ nach ’eil facal agaibh anns a’ Ghaidhlig air-son
cheerio' idir.” Rug a chluas air an t-soraidh so,
ged nach do thuig e ni eile de na thubhairt iad ;
agus an uair a chnuasaich mi fein air an ni so,
smaointich mi carson idir a tha Gaidheil a’
treigsinn an canain fein an uair a tha iad mar so
a’ fagail soraidh aig a cheile, ged a bhiodh an
comhradh gu sin uile gu leir anns a’ Ghaidhlig.
Agus, a nis, bho’n a tha mi a’ bualadh na
sguaibe sin co-dhiubh, is ann mar a tha gu
bheil iad ’ga treigsinn an uair a tha fichead rud
eile aca r’a radh. Tha aon fhacal eile a tha
a’ tighinn fa-near dhomh maille ri “ cheerio,”
agus is e a smaointich mi gum faodainn buntainn
riu le cheile air a’ mhiosa so. Is e an t-aon sin
an radh coirbte ud, “ O.K.,” agus air uairean
O.Ke-doak,” mar a their iad e. Tha grain
dhiongmhalta agam orra le cheile an uair a
chluinneas mi iad bho bhilean Gaidheil. B’
eolach an seanairean air “ Cheerio ” is
“O.Ke-doak” Cha bu choir do Ghaidheal sam
bith far a bheil an seanachas uile anns a’
Ghaidhlig na facail so a chleachdadh idir. A
nis, chan ’eil mi a’ dol a smadadh nam facal as
is as ged nach toigh learn iad, ach cha bhuin
iad do’n Ghaidhlig, co-dhiubh ’nan dreach mar
a theirear an diugh iad. Thug mi fein fa-near
mar a bha a’ cheud fhear a’ fas cumanta mean-
air-mhean bho am Cogadh a’ Chaisear. Bha
“ O.K.” agaiim bho chionn iomadh bliadhna,
ach is ann bho’n a bhris an cogadh so am mach
a chuala mi “ Doak ” air a chur ris. Tha mi
a’ tuigsinn gur e “ O.K.Doctor ” is freumh dha,
agus is dbcha gur ann a Ameriga a thainig e
birnn. Tha mi cinnteach gur ann bho “ cheer ”
a chinn “ cheerio-” agus ged a tha luchd nam