Skip to main content

‹‹‹ prev (21) Earrann 2, An t-Samhain, 1947Earrann 2, An t-Samhain, 1947

(23) next ››› Page 15Page 15

(22) Page 14 -
14
AN GAIDHEAL.
An t-Sambuin, 1947.
na Gaidhlige a’ fas nas lugha. Faodaidh sinn
Gaidhlig a theagasg anns gach sgoil sa’ Ghaidhealtachd
(ma bhios an luchd-teagaisg againn air son sin a
dheanamh), ach cha dean sin fein an gnothach. Cba
chumar ar canain bed mur bi sinn ’ga labhairt. Is e
sin, tha mi an duil, an ni as miosa anns a’ ghnothach
so air fad—nacb labhair daoine an canain fhein an
uair a thig iad an ceann a cheile aig mod no aig
coinneamh chairdeil eile.
Tha moran ’nar measg cuideachd agus bruidhnidh
iad Beurla daonnan cho ceart, cothromach, snasmhor
agus a ghabhas sin deanamh, ach, nuair a thionndas
iad gu Gaidhlig, ’s gu leoir dhith aca, cha tagh iad
facail fhreagarrach, ’s gu leoir dhiubh ann; tha
a’ Bheurla ro dheas, agus tha iad coma co-dhiubh a
tha a’ Ghaidhlig aca math no dona. Sin an fheadh-
ainn a tha deanamh dlmeas air a’ chanain againn
agus ’ga cur a dholaidh.
Is ann le labhairt a mhain a bhios ar canain air a
cumail bed. Ma ni sinn dearmad air sin, caillidh
sinn mar an ceudna na buadhannan nadurra a
th’againn mar Ghaidheil ann am pailteas.
’S i smuain bhrdnach a tha sin, a chairdean, de’m
bu choir dhuinn a bhith gabhail suim. Tha ar cedi
math gu dearbh, ach na treigibh ar canain.
Fasachadh na Tire.
Tha aireamh mhor d’ar n-digridh a’ fagail na Gaidh-
ealtachd. ’S e call mor tha sin dhuinne mat Ghaidheil
a thaobh ar canaine. Tha na daoine a tha gabhail
cdmhnaidh anns na gleanntan agus anns na h-eileanan
a’ deanamh dheth gur e rathad an leasachaidh a tha
anns an rathad do’n Ghalldachd.
Theid Clanna nan Gaidheal air ais do na gleanntan
’s na h-eileanan (ma theid iad air ais idir) nuair a
bhios obair aca ri dheanamh, agus ’nam bheachd
fhein tha an obair ag crochadh ri ar lochan agus ri ar
n-aibhnichean. Fhad’s a shnamhas na nedil anns an
speur agus an ced air na sleibhtean bidh cumhachd
uisge anns na gleanntan.
Fada bhuam chi mi baile anns a h-uile gleann agus
Clanna nan Gaidheal anns a h-uile baile, agus iad
aighearach is sdlasach. Gus am bris an la ud, de tha
againn ri dheanamh ?
Anns a’ cheud dol-a-mach tha oibrichean ura a
dhith oirnn—oibrichean a tha freagarrach do’n
duthaich agus do na Gaidheil fhein. Mar sin cha bhi
feum do ar n-digridh a’ Ghaidhealtachd fhagail agus
smuid is upraid nam bailtean mora a ghabhail orra.
Bithidh iad ri obair ’nan gleanntan fhein agus a’
bruidhinn an canain fhein.
Aite Dligheach na Gaidhlige.
Their cuid gu bheil na Gaidheil sasaichte le
cruinneachadh agus le briathrachas agus le nithean
fhagail direach mar tha iad. Faodaidh gu bheil sin
mar sin, agus, ma tha e ceart, cha bhi moran tairbhe
ann an lorg ar saothrach. Is e ar beachd-ne nach
dean sin an gnothach. Feumaidh sinn a h-aite
dligheach a thagradh do’n Ghaidhlig am measg
chanain na h-Edrpa, agus a chur an ceill do Ghoill cho
maith ri Gaidheil gur airidh ar cainnt-ne air inbhe nas
airde na chaidh fhathast a luthaigeadh dhi.
Is i a’ Ghaidhlig ceud chainnt ar duthcha, cainnt
aig a bheil freumhan cho domhain agus cho farsaing
agus gu bheil a toradh r’a fhaicinn air feadh na
rioghachd gu leir. Is e ar sochair agus ar dleasdanas
a h-ionmhasan fhoillseachadh do’n t-saoghal:
beairteas agus taitneas a litreachais, subhailcean a
beul-oideis, agus a bharrachd air sin uile, agus cha
bheag e, an solus a chuireadh eolas air a’ Ghaidhlig
air eachdraidh na h-Albann, maille ri iomadh ni a
bhuineas do lagh, do leigheas, agus do cheol.
Nam bitheadh na subhailcean sin a tha suaicheanta
air ar canain-ne air an craobh-sgaoileadh mar bu
choir dhaibh a bhith am measg luchd-aiteachaidh ar
duthcha, thaladh e iomadh neach d’ar n-ionnsaigh an
geall air eolas fhaotainn air a’ Ghaidhlig, chum agus
gum mealadh iad na feartan buadhmhor a tha air a
siubhal.
An comh-bhonn ri sin, tha e mar fhiachaibh oirnn
gach cothrom agus cuideachadh a tha ’nar comas a
thoirt dhaibh-san a nochdas uidh ’nar cainnt, agus
leis am miann teachd a steach ’nar measg gu obair a’
Chomuinn a neartachadh. Feumar gach dorus a
chumail gu h-aoigheil fosgailte do’n leithid-san.
Anns na laithean a dh’fhalbh b’i a’ Ghaidhlig canain
nam bard’s nan gaisgeach. Labhair Cuchulainn nan
cleas i; labhair Fionn MacCumhail i; labhair Calum-
cille’s Padraig i; labhair righrean na h-Eireann is na
h-Albann i; labhair Donnchadh Ban is Mac
Mhaighstir Alasdair i. Nach fhiach i cumail bed ?
’S i a’ chanain bhlasda is chedlmhor a dh’fhag ar
n-athraichean againn. Tha torman nan allt innte,
agus gair bith-bhuan a’ chuain ; tha ospag na gaoithe
air a’ mhachair innte, agus reubadh na gaillinn air
na beanntan ; tha briodal nam maighdeanan innte
agus gaire. na cloinne bige ; tha gaoir nan carbadan-
cogaidh innte, agus caoineadh nam ban; tha
ionndrainn diomhair ar cridhe innte nach gabh
innseadh ann an canain sam bith eile.
Fhad ’s a tha smior ’nar cnamhan cumamaid bed
a’ Ghaidhlig, a chionn’s gur e ni priseil a tha innte nach
ceannaichear le dr no le airgead.
PRESIDENT’S ENGLISH ADDRESS.
Ladies and Gentlemen, since An Comunn Gaidhealaeh was
founded fifty-five years ago, this is the fifth occasion on which
the great National Mod has been held in the City of Perth, and
it is a great pleasure to us all to return once again.
We thank the Lord Provost, whom we are delighted to
have with us here to-day, and the Magistrates and Councillors
of the city for the welcome and hospitality which they are
extending to us.
We thank the Gaelic Society of Perth for their kind invita¬
tion to hold the Mod here at this time. We also thank the
energetic Local Committee, and especially Mr. John Macdonald,
Convener, Mr. J. B. MacDonald, Vice-Convener, Mr. Milne,
Secretary, and Mr. Kirkaldy, Treasurer, for their efficient
work in preparing for and organisiug this great Mod, which
I am sure will be crowned with success in every respect.
Names to Remember.
It is indeed fitting that the Mod should be held in this
city, for there immediately come to our minds the names of
the great Gaelic writers, natives of the county of Perth, who,
in the days gone by, made such a rich contribution to Gaelic