Skip to main content

‹‹‹ prev (20) AdvertisementsAdvertisements

(22) next ››› Page 14Page 14

(21) Earrann 2, An t-Samhain, 1947 -
MOD NUMBER
EDITOR-.—Rev. T. M. MURCHISON, M.A., 14 Kinross Avenue, Glasgow, S.W.2. (Telephone: HALfway, 2844),
to whom all literary communications should be addressed. Business and other communications should be sent to the General
Secretary, An Comunn Gaidhealach, 131 West Regent Street, Glasgow, 0.2. (Telephone -. Douglas 1433). All matter for
inclusion in the Magazine should be in the Editor's hands by the 12th of the month preceding publication.
Leabhar XLIII.J An t-Samhuin, 1947■
[Earrann 2
CLAR-INNSIDH.
Principal Contents.
Gaelic.
Oraid a’ Chinn-suidhe
Modan a Bh’ann . .
Litir Comunn na h-Oigridh
“An Seabhac”
13
16
17
22
English.
President’s English Address
Mod Diary
Annual General Meeting
Fifty-four Years Ago ..
“That There’s Gaelic, Boss”
Mod Prize-List
14
19
22
24
24
25
Flrinn air son a’ Mhios so.—Ge b’e nl a sh
chuireas duine, an ni ceudna buainidh e. . . .
sgithicheamaid de mhaith a dheanamh; oir ann an
iomchuidh buainidh sinn, mur fannaich sinn.”—Galat.
7, 9.
MU A BHITH GABHAIL ANAIL.
Bha dithis air latha, mar bu mhinig a bha, a’ tighinn
dhachaidh cuideachd as a’ mhoine.
Bha cliabh m6r lan de mhoine air druim gach aoin aca.
Nuair a choisich iad greiseag air adhart fo’n eallaich,
thainig iad gu bruaich aird fhada air am biodh e furasda
cudthrom nan cliabh a leigeil car tacain.
An sin thubhairt an dara neach ris an neach eile : “Thig
agus gabh t’anail, oir cuimhnich—
“ ’S e anail ghoirid thric
A dh’ordaich Muire d’a Mac.”
T. D.
LUACH NA GAIDHLIGE.
ORAID A’ CHINN-SUIDHE.
[So sios an braid Ghaidhlig a liubhair an t-Ollamh Iain
Camshron, Glaschu, Ceann-suidhe a’ Chomuinn
Ghaidhealaich, aig fosgladh a’ Mhold Naiseanta am
Peairt air a’ cheud latha de’n Damhar, 1947.]
A chairdean ionmhuinn, tha sinn, mar Chomunn,
ag cur oirbh failte’s furain, agus ag guidhe oirbh gach
beannachd. Tha sibh air tighinn a gach cearn de’n
duthaich—a Tir-mor, as na h-Eileanan, a Eirinn agus
a Sasann—a leigeil fhaicinn cho dileas ’s a tha sibh
d’ar canain’s d’ar cedi.
Tha ochd bliadhna deug bho’n a chumadh am Mod
M6r Naiseanta ann am baile Pheairt, agus tha sinn
uile toilichte an cothrom so a bhith againn tilleadh
air ais aon uair eile, ged nach biodh ann ach gun
gabhamaid ris a’ chuireadh a thugadh dhuinn bho
Chomunn Gaidhlig a’ bhaile. Tha mi cinnteach gur e
bhur n-iarrtas gun abrainn riutha cho mor is a tha
sinn ’nan comain air son gach ullachaidh a rinn iad,
agus mar an ceudna air son cho dileas agus cho
dealasach is a tha iad ag cuideachadh le aobhar na
canaine. Tha sinn toilichte a bhith air ais cuideachd
gu bhith a’ leigeil ris do luchd-riaghlaidh a’ bhaile, agus
gu sdnraichte do’n Phrobhaist a tha cdmhla ruinn an
so an diugh, cho mothachail is a tha sinn air gach
aoigheachd agus coibhneis a tha iad a’ nochdadh
dhuinn.
Tha coir aig a’ Mhdd a bhith a’ tilleadh do bhailtean
mar so gu bhith a’ brosnachadh dhaoine gu bhith
eudmhor as leth canain agus litreachas ar daoine. Is
airidh muinntir a’ bhaile so, agus muinntir na
siorramachd gu leir, air gach cuideachadh a tha ’nar
comas a thoirt dhaibh, oir is mor na rinn an sinnsear
as leth na canaine.
Cor na Chnaine.
Tha mi cinnteach gu bheil gach aon againn an so fo
churam mar a tha cuisean an diugh a thaobh ar
canain. Tha aireamh na muinntir a tha a’ bruidhinn