Skip to main content

‹‹‹ prev (9) Earrann 1, An Dàmhar, 1947Earrann 1, An Dàmhar, 1947

(11) next ››› Page 3Page 3

(10) Page 2 -
AN GAIDHEAL.
An Damhar, 1947.
LITIR COMUNN NA H -OIGRIDH.
Bha mi ag radh anns an litir mu dheireadh gu robh
suil agam gacb mionaid ri teachdaireachd bho
Dhomhnall MacPhail le sgeul a’ chaimp is e a nis air
dimadh. Thainig an sgeul is b’i sin an sgeul da-
rireadh! Is cinnteacb gun do leugh sibb uile i mar
a bha i air a foillseachadh an Gaidheal na Sultuine.
Cho math ri bhith ’na h-iomradh thaitnich, tha
dochas againn gum bi aon toradh sonraichte eile ag
cinntmn aisde. Is e sin, gun tuig sibhse, nach robh
cho fortanach (no cho easgaidh ?)’s gun d’fhuair sibh
do’n champ air an t-samhradh so, an toileachas a tha
r’a fhaotainn anns a’ champ is ciod a chaill sibh !
Ach, fathast, na bithibh air bhur tilgeadh sios le
lionn-dubh no bron, oir tha bliadhna is bliadhnachan
eile a’ tighinn, leis gach sealladh oirdhearc is gach nl
eile a tha r’a sholar a’ feitheamh oirbh air cheann na
h-ath-bhliadhna is bliadhnachan eile ’na deidh. Ma
ta, an “ uair a thig an samhradh’s am barr buidhe
air an fheanntaig,” bithibh cinnteach nach sibhse a
bhios air an deireadh bliadhna eile.
A nis, tha aobhar air litir a’ mhios so a bhith air a
gearradh cho cutach seach a fad abhaisteach ’s a
ghabhas deanamh. Is e aireamh shonraichte a tha an
aireamh so a’ Ghaidheil, agus, maille ri iomadh ni de
bharrachdas a tha ann, tha iomradh goirid ann am
Beurla ann mu thus is mu fhas Comunn na h-Oigridh.
Is i a’ Ghaidhlig cainnt a’ Chomuinn is Claim an
Fhraoich, gun teagamh, ach is ann gu fiosrachadh a
thoirt dhaibh-san a tha taobh a muigh ar fior chearc-
aill fein, agus theagamh a bhios an rim cuideachadh
leinn, a tha sin air a chuimseachadh anns a’ Bheurla.
Tha gu lebr, is deagh chairdean dhuinn, nach ’eil
comasach air a’ Ghaidhlig a leughadh le ceartas,
ach a tha deidheil air na tha ’nan comas a dheanamh
as a leth. Is ann le ar suil ris a’ chuideachadh sin a
tha am beagan fiosrachaidh so air a thoirt seachad
anns a’ chanain a thuigeas a’ mhor-chuid de ar
sluagh.
Mar sin, feumar na tha cothrom air a radh mu na
paipearan ceasnachaidh fhagail fathast cul na ludaige.
Faodaidh mi so a radh an ceartair, ged tha, is chan
abair mi tuille e air eagal ann a bhith a’ feuchainn ri
Spain a dheanamh gur ann a mhilleas mi adharc !
Is math a tha fios agam ged is “ fheairrd brath a
breacadh ” nach ’eil math “ a briseadh ! ” Seadh,
ged a bha cuid de na paipearan a bha gle mhath, le
aireamh bheag a bha ro-mhath, chan ’eil mi idir
riaraichte leo le an gabhail thar a cheile. Leis gach
taobh de’n chuis a chnuasachadh, tha mi an duil
gur e mo dhleasanas an slneadh uile gu leir do Chomh-
airle Sheasmhach an Fhoghluim de’n Ard-chomhairle,
a chum is gum faic iadsan air an son fein na tha na
paipearan sin a’ foillseachadh mu theagasg is mu
ionnsachadh na Gaidhlig ann an sgoiltean na
Gaidhealtachd.
A nis, tha leth-chromadh a tha fo m’ chuimrig
fathast gus a lionadh, agus so agaibh rannaghal a
bhiodh againn an uair a bha mise 6g’s a thog sinn
bho na seann daoine cbire an uair a bhiomaid ag
cluich na “ dridseig ” anns na h-oidhcheannan fada
geamhraidh. Cha robh fritheud no a leithid againn
an uair ud gu eisdeachd ris, is cha robh ionndrainn
air! A bheil aon agaibh aig a bheil atharrachadh
siuil air an rannaghal so a chuireas tuille ris no aig a
bheil ni sam bith eile coltach ris ?
So agaibh e :—
Chaidh mi latha dh’inneireadh do thigh a’ choilich
bhric,
Bha na naoi bigeinean ag criomadh leis an aona
chirc;
Bha bigein cabhach, odhar ann,
Bha bigein odhar, dearg ann,
Bha iar-ogh’ bhigein lachduinn ann,
’S bha dalta bhigein dheirg ann ;
“ Ud,” arsa ’n seana-bhigein,
“ Bristidh mi do cheann,
Le crioman beag de leathrach,
Air a ghearradh leis an sgithinn ris an toll; ”
’S chuir mi fios air feadh na tire,
Gu robh cirein crom air !
Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
0
OISINN NA H-OIGRIDH.
Eilean na h-Oige.
Anns na laithean o shean bha duine ann a bhuineadh
do Cheann Loch Chille Chiarain aig an robh soitheach
beag anns am biodh e seoladh a null gu Eirinn agus
gu taobh an iar-thuath Albann.
Uair a bha sud, shedl e nail a Eirinn le luchd
buntata, agus duil aige deanamh air Loch Crianan an
Earraghaidheal, ach thainig stoirm ghailbheach air
air a shlighe nail, agus anns an dorchadas bhuail an
soitheach aige air creig.
An uair a bhris an latha chunnaic e gu robh an
soitheach aige air a fagail leis a’ mhuir-lan fada
shuas o’n chladach air eilean mor alainn. Chaidh an
caiptein air tir agus thug e ceum suas troimh an
eilean. Thachair duine mor, maiseach, deas ris
agus, a reir a choltais agus a luchd-leanmhainn, bha
an caiptein cinnteach nach b’e duine sam bith eile a
bha sud ach Fionn, rlgh na Feinne.
Ghabh Fionn agus an Fheinn gu cairdeil,
carthannach ris an sgiobaidh ud air an d’rinneadh
long-bhristeadh, agus air latha araidh an uair a bha
iad ag conaltradh ri cheile dh’fhoighnich an caiptein
car son nach robh Fionn a’ tighinn idir do’n Ghaidh-
ealtachd a nis, far an d’rinn e moran de euchdan
treuna anns na laithean a dh’aom.
Fhreagair Fionn gu robh na Gaidheil an cdmhnaidh
a’ bruidhinn air cho trie agus nach b’urrainn da e
fhein a nochdadh ’nam measg, ach nan sguireadh iad
de bhruidhinn air car greise gum biodh e comasach
dha sgriob a thoirt a ris do’n Ghaidhealtachd agus na
h-Eileana.
Ach thainig am muir-lan agus bha an soitheach air
bhog a ris, agus cha d’rinneadh dolaidh sam bith
oirre, ach thuirt Fionn ris a’ chaiptein gu feumadh e
dusd an eilein a sguabadh o a bhrogan mun d’rachadh
e air bord.