Skip to main content

‹‹‹ prev (65) Earrann 7, An Giblein, 1946Earrann 7, An Giblein, 1946

(67) next ››› Page 59Page 59

(66) Page 58 -
58
AN 6A1DHEAL.
An Gibkin, 1946.
poran sin as fheiimaile dhaibh-san air son bidh, mar a
tba buntata gu sonraichte. Cha bbi acras air duine
fhad ’s a bhios buntata aige—agus, a theagamh,
annlan eisg leis.
Tha coirce is eorna feumail cuideacbd ma ’se ’s
gum bi cuisean cho cruaidh’s gun tig air daoine feum
a dheanamh dhiubh—-’se sin am bleith air son mine.
Ach ged nacb racbadb am bleith. idir tha an da phor
so feumail a chum spreidh a bheathachadh. Agus
tha e ro iomchuidh cuideachd na ghabhas deanamh
de fheur a chaoineachadh fa chomhair a’ gheamhraidh
do ’n spreidh. Tha, a rithist, cal agus currain agus
luibhean garaidh eile ro fheumail, agus is e an t-amadan
air an duthaich a ni dearmad orra-san.
Ach an deidh maith na ba’s a mheanbh-chruidh,
is e na cearcan creutairean cho feumail ’s a bha ann
ri linn a’ chogaidh ; agus tha, agus bithidh, iad sin
fhathast ma gheibh iad an aite is an cuibhrionn
fhein. Bha moran air a’ Ghaidhealtachd—gus an
tainig an cogadh fhein—nach robh a’ toirt an aite
dligheach do na cearcan, ach chunnaic iad an uair sin
cho feumail ’s a tha iad. Chan ’eil beathach beo
eile timchioll tighe as fhearr a phaigheas do dhuine
na a’ chearc ma tha i de threubh cheart, agus ma tha
i a’ faotainn ceartais a thaobh blathais is beathachaidh.
Is fhiach coirce is eorna a thogail ged nach biodh
ann ach beathachadh nan cearc fhein.
* * * *
Ma ni na Gaidheil an t-aiteach as coir dhaibh—
agus gun leud na coise fhagail ban—chan eagal gum
bi cuisean nas cruaidhe orra na bha iad ri linn a’
chogaidh a thaobh bldh; agus tha fhios aca fhein
nach robh aobhar gearain aca an uair sin. Mura dean
iad sin, is iongantach mura bi gainne orra, agus mura
bi cuisean gu maith dolum. Ma bhios a’ ghainne arain
ann, a tha an Riaghaltas ag radh a bhitheas air an
t-saoghal, chan fhaighear r’ a cheannach an rud nach
’eil ann ; agus an duirt an seanfhacal: Is maith a’
bhean-tighe a bheir a nuas an rud nach ’eil shuas.
Ach ma chuirear fo aiteach gach ceap a ghabhas
aiteach bidh rud aig daoine fhein an uair sin air a’
Ghaidhealtachd—biadh fallain a dh’ eirich riutha
fhein,—agus bidh beoshlaint mhaith aca a dh’ aindeoin
gainne ann an cearnaidhean eile de ’n t-saoghal.
Agus bithidh an seanfhacal eile aca fhein air a choimh-
lionadh d’ an taobh : Mar as gainne am biadh’s ann
as fial a roinn ; agus bidh gne nan Gaidheal a thaobh
fialaidheachd is aoigheachd air a riarachadh, eadhon
an am gainne an t-saoghail mhoir, agus bidh e flor d’ an
taobh-san gur fhearr iomall a’ phailteis na teis-
meadhon a’ ghanntair.
$
FACAL SAN DOL SEACHAD.
An rud nach cluinn cluas cha ghluais cridhe.
—Tha cinnich an t-saoghail gle an-fhoiseil bho sguir
an cogadh. Tha sin, ann an seagh, nadurrach gu
leor. Bha an cogadh cho uamhasach agus gun do
chriothnaich e bunaitean an domhain, agus doigh
tighinn-beo nan uile chinneach. Chan ’eil ni mar a
bha e roimh an chogadh. Ach is ann tha bhochdainn
ann an drasda gu bheil seorsa de dh’ fheicheanas am
measg nan Rloghachdan Aonaichte fhein, agus gu
h-araidh eadar Rusia air an dara laimh agus Breatainn
is Ameriga air an laimh eile. Chan ’eil eadhon am
blath-chairdeas, agus an aonachd sheasmhach, bu
choir eadar Breatainn agus Staitean Aonaichte
Ameriga—co-dhiiibh saolaidh duine so leis an t-
seorsa bruidhinn a bhios aig cuid de dhaoine.
Ach tha fhios nach ’eil an so ach mar a tha daoine
gu h-ard-labhrach an drasda ; agus an nl a labhrar
an aon oisean de ’n t-saoghal sa’ mhaduinn tha e air
aithris a rithist—agus gu trie chan ann mar a labhradh
e—air an fheasgar feadh an t-saoghail uile. Eadar an
Radio agus na paipearan-naidheachd chan ’eil nl
cruthaichte a nis an uaigneas ; tha gach ni a labhras
fear am Mosco air eisdeachd am beagan uairean a
thlde am Bearnaraidh ’s am Barraidh, cho maith ri
ann an Lunnainn.
Tha mise de ’n bharail gur h-e an t-ard-labhradh
so am measg dhaoine mora an t-saoghail a tha fagail
an t-saoghail cho an-fhoiseil, agus cho mi-riaraichte
’s a tha e. Is iomadh rud a smaoinicheas duine air,
nach coir eigheach air na cnuic. Ach sin mar a tha
cuisean an t-saoghail agus gnothaichean chinneach an
diugh—chan ’eil ni diomhair, no an uaigneas, ach ’ga
eigheach feadh an domhain uile. Tha sin a’ fagail
cuid de dhaoine an-fhoiseil. Tha an fhirinn fhein,
le bhith ’ga h-eigheach air na cnuic, uaireanan
saraichte, agus eadhon searbh. Cha bu mhisde an
saoghal ge do sguireadh cuid a dhaoine de an ard-
bhruidhinn oir an rud nach cluinn cluas cha ghluais
cridhe.
* * * *
Tiugainn dhachaidh. — Bha an seanfhacal ag
radh : ‘‘Mo chuid fhein, mo bhean fhein, is tiugainn
dhachaidh, na tri facail as blaisde th’ arm.” Tha
na ceudan an drasda a’ tilleadh air ais an deidh a’
chogaidh, a feachdan an Righ, a thafaighinn ‘ tiugainn
dhachaidh ’ nas blaisde is nas milse na ni sam bith eile
a chluinneas iad. Is ann an uair tha daoine air falbh
bho ’n dachaidh a thuigeas iad luach, agus blaths,
agus seasgaireachd, na dachaidh. Sin an t-aon aite
a mhain anns am faigh gach duine—ge b’ e de an gne
dhuine bhios ann—sin an t-aon aite a mhain ann sam
faigh gach duine lan fhois agus fior sheasgaireachd—
far a bheil gradh is coibhneas is aoibhneas luchd a
ghaoil.
Tha, ma tha, a nis an deidh a’ chogaidh agus iad a’
faighinn an saorsa, gillean agus nigheanan, anns gach
cearnaidh de ’n t-saoghal anns an robh iad ri linn a’
chogaidh, ag radh riutha fhein, agus ri each a cheile :
Tiugainn dhachaidh.
Tha failte is di-beatha romhpa aig an dachaidh.
Cha dean e muthadh sam bith cruth na dachaidh sin—■
biodh i mor no beag, ard no iosal—tha i aoibhneach
is saoibhir le gradh na th’ innte. Chan ’eil fhios co as
aoibhniche, iadsan a th’ aig an tigh, no iadsan a tha
tighinn dhachaidh.