Skip to main content

‹‹‹ prev (42) Page 34Page 34

(44) next ››› AdvertisementsAdvertisements

(43) Page 35 -
Am Faoilteach, 1946.
AN GAIDHEAL.
36
A’ BHEINN.
Dhlrich mi beinn an uamhais
’N uair a shaoil mi gun b’ e t’ fheum,
’S cha robh oidhche no latha
Nach do shracadh mi le d’ bheud.
Ged reubadh an sud m’ amhach
Le cion analach’s le fuachd.
Chum mi orm anns an dlcheall
Gu fras-mhullach nan cruach.
Bha am biod trom air a’ chridhe,
A’ meilleachadh fe61a gu goirt,
An aingealach ’nam eanchainn,
Gun aon dochas air a thoirt.
Ach cha bu shuarach a’ chreachainn
Ged a bha i mar am has,
B’ uaaal a’ chreag am mullach
Ge b’ e an-iochd a earn.
Sud a’ chreag a b’ airde
A rainig mo chas-sa riamh,
Ach aig gach oirleach d’ a h-airde
Tha mo thamailt mile shios.
Somhaible Mac Ghill-Eathain.
c>
NA TUINN RIS NA CARRAIGEAN.
A’ mhuir fo chobhair ris na carraigean,
an caraich iad le d’ chomhrag ?
Saoghal nan gineal falbhanach,
an treas’ am marbh no’m bed ann ?
Am bi cinnt nam marbh a’ meatachadh
na beatha is na h-6ige,
Is am mebir chnamha mu ’r buinn luaineach
’gar toirt a nuas ’n an cordaibh ?
Am bi gach smuain a smuainicheadh
’na cheangal cruaidh mu ’r comhradh ;
Is cainnt arsaidh ’na sean bhuarach dhuinn
nuair bhios smuain hr ’ga toireachd ?
Ciod e ma chruthaicheadh an talamh so
le cladaichean gu V crdthadh !
A' mhuir, mo mhuir-sa, tha 'n speur rionnagach
le gaothaibh saor ag ulfhairt oirnne.
Deobsa Caimbeul Hay.
TALADH GUAIN.
(o Iain Masefield).
Tha m’ eigin sios chun a’ chuain a ris, gu aonranachd mara is
speur
’S chan iarr mi cail ach soitheach ard is leus nan rionnag gheur,
Is breab na stihr’ is ceol na gaoith is crith nan geal-shiuil
mhor
Is ceathach hath air aodann cuain is briseadh faire is ce6.
Tha m’ eigin sios chun a’ chuain a ris, oir tha glaodh nan trom
mhuir-lan
Cho laidir is cho cumhachdach ’s nach fhaod mi bhith am
thamh,
’S chan iarr mi chil ach rhn na gaoith ’s na sgothan geal air
sgbith.
Is cathadh mara ’s crathadh chop is faoileagan le ’n eigh.
Tha m’ eigin sios chun a’ chuain a ris, gu beatha luaineach
chehird,
Gu slighe na faoileig’s slighe na sire’s a ghaoth mar sgian cho
gehrrt’,
’S chan iarr mi call ach sgeulachd mhear o sheol’dair mar
mi fein
Is cadal ciuin is aisling chaomh is deireadh air an sgeul.
Eoin.
AIR AN DUTHAICH.
Bho ’n a tha obair an fhoghair seachad againn agus na
h-oidheheannan air fas gu maith fada tha tuille cothroim air
beagan leughaidh is sgiobhaidh a dheanadh. Mar sin chan
’eil leisgeul agam tuille nach fheuch mi ris an rud a chaidh
iarraidh orm a dheanadh—’se sin, beagan fhaeal a sgriobhadh
air obair tuathanachais, no air rud sam bith a bhuineas do ’n
duthaich—eadhon air an t-side fhein.
Tha feum air an t-side—gu dearbh, ged is trie a bhitheas
sin ’ga chineadh! Tha i cho caochlaideach anns na cehrnaidh-
ean tha so, agus tha i ’na cuspair-bruidhinn againn daonnan.
Faodaidh sibh bhi cinnteach, ma’s ann ’ga moladh a tha sibh
an diugh gun h-ann ’ga caineadh a bhios sibh ann maireach !
Co-dhiubh, cha robh moran aobhair-gearain am bliadhna
a thaobh na side agus duine sam bith aig an robh barr nach d’
fhuair a ghabhail fada roimh so—’s ann aige fhein a bha a’
choire. Gun teagamh bha uisge gu lehr ann toiseach an
t-samhraidh agus fuachd ’na chois, ach bha fas maith ann agus
mu’n tainig am gearradh an fheoir bha barr trom air na
dailtean idle.
Bha na seann daoine sa’ Ghleann so ag innseadh dhomh
nach bu chuimhneach led am feur a bhi air a’ ghabhail cho
trath agus a bha e air an fhoghar so. Bha an t-arbhar air an
aon doigh. ’Se gld bheag coirce a tha ’ga chur san aite so a nis,
ged a bha uair ann, nuair a bha a chuid dheth aig a h-uile
duine.
’Se obair nam fiadh as motha a chuir stad air sin ged tha
gnothuch aig cion daoine ris cuideachd. Tha na feidh an
deidh sgrios a dheanadh air na croitean an so, agus tha mi
cinnteach nach e so an t-aon aite far am bheil iad ri cron.
Gun teagamh sam bith ’se fior bheathach eireachdail a tha
san fhiadh nuair a tha e sa’ mhonadh agus chan iarrainn a
thilgeil idir, ach nuair a thdisicheas e air tighinn a stigh air an
talamh-barra ’se am peilear an t-aon rud a thig da. Cha
bhiodh e duilich dhomh tuille a rhdh mun cuairt air na feidh
ach foghnaidh sin an drhsda !
Tha na croitearan ag cur buntata a h-uile bliadhna agus
mar as trice tha iad a faighinn barr maith dheth ged is ann
san aon talamh a tha iad ’ga chur bliadhna an deidh bliadhna.
Tha moran leasachaidh a’ dol air, agus siigh maith air chumail
sa’ ghrunnd. Cho fad’s a chuala mi bha buntata maith aig
a h-uile duine am bliadhna ged a bha moran ag gearain air cho
salach agus a bha e.
Tha feum mh6r air a’ bhuntata ann an aiteachan iomallach
mar so, gu sonraichte sna h-amannan so; cha ghabh e ruith
a mach do ’n bhtith a dh’ iarraidh rudeigin a ni dinnear an so,
agus is iomadh duine a bhios a’ deanadh dinnear mhaith de
bhuntata, bainne is caise ! Cha di-chuimhnich sinn an cupan
ti a thig as a d6idh; cho beag ’s gum bheil an ‘ration’ chan
fhaic mi nach bidh esan ann !
Tha spreidh a’ dol a steach do’n gheamhradh ann an corr
maith, agus tha cothrom aca ged a thigeadh droch-shide
toiseach an earraich. Gu dearbh tha dochas againn nach
tig sneachd is reothadh mar a thainig an uiridh ach ged a
thigeadh, bidh sinn nas deiseile air a shon am bliadhna. Ged
a tha sinn ri taobh a’ chuain an so laigh an sneachd iiine mhor
agus e gle dhomhain cuideachd—rud nach do thachair bho
chionn hireamh mhor bhliadhnachan. Bha beagan call sna
caoraich ach cha bu mhor e seach iomadh aite air feadh na
dhthcha.
Bu mhaith learn facal no dha a thoirt seachad air na
caoraich Shealtanaich a th’ againn an so ach tha mi a’
smaointicheadh gum bheil an t-am dhomh tighinn gu crich,
Faodaidh gum bidh cothrom air a sin fhathast.
Samalaman, Gbaham Ckoll.
Mhideart.