Skip to main content

‹‹‹ prev (41) Page 33Page 33

(43) next ››› Page 35Page 35

(42) Page 34 -
34
AN GAIDHEAL.
Am Faoilteach, 1946.
AIR A’ CHNOC.
[ Is e Oran Mor MhioLeoid a bhios na mnathan a’ seinn ann
an comhfharpuis Grain Mhoir aig Mod na Buadha an
Obaireadhain aig deireadh September so tigbinn. Tha e air
aon oran cho comasach agus cho.tlachdmhor’s a tha againn
an Gaidhlig. ’Se Ruairidh MacGhille Mhoire—an Clkrsair
Dali mar a theirte ris gu cumanta—a rinn e. Is ann de
Chlann a’ Bhrithimh a bha Ruairidh. Bha a shinnsirean
’nam britheamhanan aig Clann ’icLeoid Leodhuis; agus bu
dhubh-ogha an Clarsair Dali do Iain Haboist, am Britheamh
Leodhusach mu dheireadh. Bu mhac e do Fhear Bhragair,
Iain MacGhille Mhoire, a bha ainmeil ’na latha agus re iomadh
linn, air son a uaisleachd’s a ghliocais, ealantais’s a gheurchuis.
Tha sgeul air gun do thachair do Fhear Bhragair so—athair
Ruairidh Dhoill—tadhal air larla Shiophort an Steornabhagh
agus gun do leum madadh coin air aig qn dorus-mhor, ach
ma leum, thug Fear Bhragair am bata dha mun t-sr6in agus
dh’ fhalbh e san donnalaich. Thainig fear de na seirbhisich
aig Slophort a mach agus thug e aghaidh air MacGhille Mhoire
air son a dhiol air a’ chu, ach ma thug, cha do rinn am fear
eile ach sgal de ’n bhata thoirt dha mun charbad; agus as a’
bboilich a bh’ ann thainig Siophort fhein a mach agus dh’
fharraid e ciod air an aon saoghal a bha cearr. Fhreagair
Fear Bhragair:
Balach is balgaire tighearna
Dithis nach coir leigeil led,
Buail am balach air a’ charbad
‘S buail am balgaire air an t-sr6in.
Bha Fear Bhragair ’na dhuine cothromach agus saoibhir
a reir an latha a bh’ ann, agus thug e ard fhoghlum do a
cheithrear mhac. Is ann san sgoil an Inbhir Nis a bha Ruairidh
nuair a ghabh e a’ bhreac, agus chaill e a fhradharc ri a linn.
Chum sin e gun a dhol air adhart air son na ministrealachd mar
a bha diiil aige. Bha dithis bhraithrean aige ’nam ministearean
—Aonghus is Iain—agus fear eile, Murchadh, ’na ghobha.
’Se bard maith a bha an Aonghus cuideachd, ach chan fhaca
mi riamh dad a rinn Iain, ma rinn e bardachd. Co-dhiiibh
thug athair ard fhoghlum citiil do Ruairidh agus e nise dall,
agus chuir e e eadhon do Eirinn a dh’ ionnsachadh cluiche na
clarsaich. Bha e ’na chlarsair barraichte, agus ’na bhard
comasach.
An deidh dha tilleadh a Eirinn thachair e ri Iain Breac
MacLeoid, Ceann Feadhna Leodaich Dhun Bheagain, an
Dun Eideann, agus ghabh Ruairidh aige mar Chlarsair. Thug
e dha gabhail Thoghta Mor an Glinn Eilg mar dhuais
Clarsair; agus sin far an robh a dhachaidh fhad ’s a bha
Iain Breac be6. ’Se duine fialaidh, fosgarra, agus sar Cheann
Cinnidh a bha an Iain Breac, agus cha robh dith no deireas
air Ruairidh fhad’s a bha Iain Breac ’na Cheann Cinnidh, ach
an uair a ehaochail esan sa’ bhliadhna 1693 bha a mhac
Ruairidh, a fhuair aite mar Cheann Cinnidh, tur eadar-
dhealaichte ri athair, agus thug e gabhail Thoghta Mh6ir
bho ’n Chlarsair agus b’ eigin da an aite fhagail. Is e Buaile
a’ Chlarsair a theirear ri mir de ’n ghabhail sin gus an latha an
diugh. Is ann an uair a bha e a’ fagail Thoghta Mor a rinn e
an t-6ran so sa’ bhliadhna, 1694, agus e ‘ a ’ triall gu port’
air a shlighe dhachaidh do Leodhus, far an do chaochail e
’na shean aois.
Chan e mhain gun coir do’n luchd-seinn aithne a bhith aca
air eachdraidh is brlgh an brain a bhios iad a’ seinn, agus air
ciall gach facail, ach ma tha lan riarachadh gu bhith aig luchd-
eisdeaehd is coir dhaibh-san cuideachd an t-aon eblas a bhith
aea air eaehdraidh is brigh is ciall an brain. Is sin an t-aobhar
gu bheil An Oaidhml ’ga thoirt seachad an so air a’ chnoc gus
am hi fhios aig a h-uile duine air
ORAN MOR MHIC LEOID.
Xtd.,!, | 1, : 8; : 1, | d : d . r | m : m
Miad a’ mhulaid tha’m thadhal Dh’fhag treoghaid
| d : 1, is, | 1, si, .s, | 1 : m
Aig na rinn mi ad dheadhaidh Air
■{ :m.m | s : - : s. s | d1 : - : ta.l
’S ann bha mis’ air do thbir, ’S mi a’
{^: s . s | d1 : - : ta.l | s : - : s,. s,
Dheagh mhic athar mo ghrkidh, Bu tu
An am eirigh gu moch
Anns an teaghlach gun sprochd, gun ghruaim ;
Chluinnte gleadhraich nan dos.
Is a ceile ’na cois o’n t-suain :
’Nuair a ghabhadh i lan,
’S i gun cuireadh os n-aird na fhuair;
Le mebir fhileanta bhinn,
’S iad gu ruith-leumach, dionach, luath.
1 m. r ; - : d | r : - }■
chleibh gu goirt
l:m:s |r :r Id:-}1
m’ adhart ’s mo thriall gu port;
s : - . f: m ^ m.r : - : d. d I 1 : - J'
meas gun robh coir agam ort
1. m: - :s I r :r | d : - |j
m’aighear is m' agh is m’ole.
’Nuair a chuirt’ i ’na tamh,
Le furtachd ’na fardaich fein ;
Dhbmhsa b’fhurasda radh
Gum bu chuireideach3 gair nan teud.
Le iomairt dhh lamh,
Ag cur a binneis do chhch an ceill;
’S gum bu shiiibhlach am chluais
Modhan4 lughmhor le luasgan mheur.
Bhiodh a rianadair fein,
Cur an ire gur. h-e bhiodh ann ;
’S e ’g eirigh ’nam measg,
’S an eibhe gu trie ’na cheann :
Ged a b’ard leinn a fuaim,
Cha tuairgneadh2 e sinn gu teann ;
Chuireach tagradh am chluais,
Le h-aidmheil gu luath’s gu mall.
Thoir teachdaireachd bhuam,
Le deatam6 gu Ruairidh Og ;
Agus innis dha fein
Cuid d’a chunnart ged’s e MacLebid.
E bhi ’g amharc ’na dheidh,
Air an Iain a dh’ eug’s nach beb ;
Ge bu shaoibhir a chliit
Chan fhagadh e’n Dim gun chebl.
1 treoghaid=greim, pian.
2 tuairgneadh=troimhe-cheile.
3 chuireidach=aoibhneach.
4 Modhan=fuaim binn.
6 deatam= dealas. F-D.