Skip to main content

‹‹‹ prev (34) AdvertisementsAdvertisements

(36) next ››› Page 28Page 28

(35) Earrann 4, Am Faoilteach, 1946 -
EDITOR:—Rev. MALCOLM MACLEOD, M.A., Manse of Balquhidder, Lochearnhead, Perthshire, to whom all
literary communications should be addressed. Telephone:—Strathyre 235. Business and other communica¬
tions to 131 West Regent Street, Glasgow. Telephone:—Douglas 1433.
Leabhar XLI.] Am Faoilteach, IQ4.6. fEarrann 4
CANAIN BHEO.
Tha canainean arm a tha marbh, agus tha canainean
aim a tha bed. Tha an Laidionn agus Sanscrit
marbh, agus iomadach canain eile mar an ceudna.
Tha a’ Bheurla Shasannach bed, agus an Fhraingeis,
agus an canain Ruiseanach, agus na ceudan eile.
Tha a’ Ghaidhlig bed ged tha moran ’n an cleachdadh
d’ a taobh a’ beantainn rithe mar gum biodh i marbh.
A nis, canain a tha marbh tha i mar gach ni marbh
eile. Cha tig tuilleadh fais oirre na tha oirre a cheana.
Faodaidh an canain sin a tha marbh a bhith grinn,
cumhachdach agus blasda gu ledr ach tha i an diugh
mar a bha i na ceudan bliadhna air ais, gun fhas
gun atharrachadh eile ach mar a bha i an latha a
fhuair i bas ; agus mar sin is ann gu maith rag a
bhiodh eadhon canain cho comasach ris an Laidionn
am beul fear do an deagh aithne i, a thaobh
gnothaichean an latha an diugh, agus a thaobh
suidheachadh an t-saoghail mhoir an diugh. Tha
na ceudan agus na miltean nithean agus suidheach-
aidhean san t-saoghal an diugh nach robh ann ri linn
na Laidinn, agus mar sin air a bheil an Laidionn tur
aineolach. Chan ’eil cainnt aice orra, agus bu lapach
i gu dearbh ag cur an ceill ceudan rud ur is annasach
dhi-se, rudan nach robh ann ’na latha is ’na linn.
Agus an deidh sin, cha robh cainnt eile air an
t-saoghal a bha na bu chomasaich is na b’ ealanta na
i ’na latha fein.
Tha an t-seann Ghreugais air an aon doigh. Bu
rag i air teanga fir fhileanta an diugh ann an cur an
ceill nithean ura agus annasach an t-saoghail ’nar
latha-ne—ged b’ aithne dha i cho maith ri Socrates
is ri Plato. Bhasaich an t-seann Ghreugais, agus mar
sin cha tainig adhartas oirre a reir atharrachadh is
fas an t-saoghail an iomadh doigh.
Mar sin, canainean a tha marbh faodaidh iad a
bhith maith gu ledr agus ealanta gu ledr agus
cumhachdach gu ledr air son nithean is cuisean is
barailean a bha ann ’n an latha, agus a bha am beul
an t-sluaigh ri linn a’ chanain sin, ach seach gu bheil
iad marbh, agus nach ’eilear ’gan cleachdadh a nis,
chan ’eil feum air domhain unnta gu bhith cur an
ceill cuisean is gnothaichean an latha an diugh.
* * * *
Tha cuid ann, agus Gaidheil a tha ’gam meas fhein
gle eudmhor cuideachd, a dheanadh canain marbh
de ’n Ghaidhlig. Ghleidheadh iad i san staid agus anns
an t-suidheachadh anns an robh i ri linn ar seanar, no ri
linn ar sinnseanar. Cha leigeadh iad facal ur, agus
gu seachd sonraichte facal ur bho chanain eile, a
steach air a cdraichean. Is ann tha so ’nam beachd-
san a’ truailleadh na canain, agus gun iad idir a’
tuigsinn gun tainig atharrachadh nach beag air a’
Ghaidhealtachd—gu bheil sinn air ar cuairteachadh
le nithean iira agus saoghal ur—bho linn ar seanar.
Agus mar sin an aite a bhith toirt cothrom do ’n
Ghaidhlig a bhith fas, agus a bhith ’ga chomh-chur
fhein ri suidheachadh na Gaidhealtachd an diugh, is
ann a ghleidheadh iad i mar a bha i ri linn ar seanar,
agus rag mharbh o ’n uair sin. Is trom an eire an
t-aineolas, agus is ann bho mhullach an aineolais a
tha so ag eirigh. Feumaidh a’ Ghaidhlig fas, agus
atharrachadh, mar chanain bheo eile—agus taing do
shealbh tha i bed fallain fhathast.
* * * *
Feumaidh na h-uile canain iad fhein a chomh-chur
ris an t-saoghal, agus ris an aite, anns a bheil iad ;
agus a bhith reir gach nl is suidheachadh a tha
timchioll orra. Mura dean iad sin, gheibh iad bas,
agus gabhaidh canain eile an aite, canain a bhios a
reir suidheachadh is dol air adhart an t-saoghail is
dhaoine timchioll orra. Tha canainean bed a’ dean-
amh so le bhith cuineadh fhacal ura agus ddigh
labhairt ur, uaireanan air an deanamh suas bho
fhacail a tha cheana ’n an canain fhein, ach moran
nas trice le bhith gabhail fhacal an iasad bho
chanainean eile. Gu minic is e am facal iasaid as
sgiobalta agus as freagarraich na am facal a nithear
suas le bhith a’ tathadh facal no dha ’na cheile ’n
an canain fhein.
So mar a tha na canainean a tha flor bhed a’ fas,