Skip to main content

‹‹‹ prev (32) Page 24Page 24

(34) next ››› AdvertisementsAdvertisements

(33) Page 25 -
An Dubhlach, 1945.
AN GAIDHEAL.
Chite cailleach ghasda choir,
Tighinn mun cuairt a thomhas a chlo ;
An cromadh aice air a dom,
Cha robh doigh aca air a mealladh.
’S e chuir mise an nochd fo bhron,
Cuimhneachadh air laithean m’ oig,
’N fheadhainn a bhiodh leinn ri spors ;
Gu bheil cuid dhiubh nach ’eil maireann.
’S ged a dh’ fhalbh a chuid ud bhuainn,
Chaidh iad anns an dachaidh bhuan ;
Ann am paileas High an t-sluaigh ;
Far am bheil solas buan bhios mairean.
Am Framboise fhuair mi m’ arach 6g,
Ann an nabachd Chlann-’ic-Leoid ;
’S trie bha sinn ri mire is spors ;
An laithean solasach nach maireann.
Chan urrainn dhomhsa leth dhuibh inns’,
Na tha mhaisealachd’s an tir ;
Stadaidh mi bho’n tha mi sgith,
Beannachd leibh is oidhche mhath leibh.
Domiinall Alasdalr MacDhomhnaill.
Framboise, C.B.
AN T-ARD MHARAICHE DEARG.
Is e mo chuid de ’n t-saoghal a bhith a’ fuireach taobh a
stigh baile mor, far an cluinn mi gach oidhche is latha fuaim
charbadan de na h-uile seorsa, maille ris na fuaimean eile a
tha, mar as trice, comh-cheangailte ris na bailtean buaireasach
sin. Chan e chis-iongantais mata, ma ’s e is gum hi moran
dhaoine a’ deanamh dheth nach bi ach cothrom gle bheag
agam na nithean sin a bhuineas do ’n dhthaich a muigh fhaicinn
mun cuairt; ach leis gum bheil an tigh beag agam dluth air
iomall a’ bhaile, faddaidh mi a radh nach ann mar sin sin idir
a tha a’ chilis. Air an laimh eile tha an duthaich agus a stdras,
eadar edin is ainmhidhean is fluran, gle fhaisg ri ar taobh;' agus
is e tha ann gum bheil iomadach creutair a bhuineas do ’n
speur, do ’n abhainn agus do ’n choille ri am faicinn a’ dol is a’
tighinn fad na bliadhna.
Tha abhainn laimh ruinn ris an abrar an Caraid, far am bi an
dobhran donn a’ snamh agus a’ bhreac a’ leum. Tha an
sionnach ruadh r’ a fhaicinn anns a’ choille a tha fagus oimn.
Tha am bru-dhearg, cairdeil earbsach, comhla ruinn daonnan,
agus ciod as binne ri eisdeachd anns na laithean goirid
• geamhraidh na a cheilear fhein.
Bu mhath learn iomradh a thoirt air na h-eoin a chunnaic
mi fhein ’n ar measg: gealbhonn na callaide, breac an t-sil,
gealan uaine, lasair choille, buidheag bhealaidh, dreathan-
donn, uiseag, miontan, ceileiriche, lon-dubh, druid, smeorach,
sgiath-dhearg, seabhag, fitheach agus faoileag. Ged a tha
gach aon diubh sin ’n a chiiis-aiteis dhomh, is i te de ’n ghne eile
a tha a’ toirt barr air mo ghairdeachas; an dealan-de ris an
abrar an t-Ard Mharaiehe Dearg. An uair a bhios na duilleagan
a’ tuiteam bharr nan craobh agus gathan na greine a’ dearrsadh
air neoineanan an Fheill Mhlcheil, is ann an sin a chithear an
dealan-de sonraichte so ’n a laighe le a sgiathan sgiamhach,
riomhach, sgaoilte a mach air na fluran boidheach sin. Is
fior gu dearbh “nach robh Solamh fein ’n a uile ghloir air a
sgeadachadh mar aon diubh so.”
Cailean Mac na Ceabdaidh.
<>
AIR A’ CHNOC.
Am ModMar a chi sibh air duilleig eile sa’ Bheurla
is ann an Obaireadhain a tha am Mod gu bhith air a chumail an
ath bhliadhna. Bhatar air suidheachadh gum biodh e an
Obaireadhain sa’ bhliadhna 1939 ach bhris an cogadh a mach
goirid mus robh am Mod gu bhith ann agus chuir sin stad air
a’ Mh6d agus air gach ni eile dh’ a leithid. Tha an cogadh a
nise seachad, agus tha an t-sith againn le comhnadh Dhe,
agus is ann le buidheachas a smaoinicheas sinn air meudachd
na buadha a fhuair sinne agus na rioghachdan aonaichte eile
air ar naimhdean. Tha sinn a nis comasach air am Mod a
chumail a rithist, agus tha sinn an dochas, agus ag creidsinn,
gum bi e ’na Mh6d a bhios airidh air ainm—Mod Mor na
Buadha.
Bha, ma tha, cruinneachadh follaiseach an Obaireadhain
air feasgar ceud la na Samhna los Comhairle a chur air bonn
chum gnothaichean a’ Mhoid a chur air aghaidh. Chruinnich
aireamh mhor Ghaidheil chun na coinneamh ann an Talla
Chiuil a’ bhaile; agus bha Ceann Suidhe a’ Chomuinn
Ghaidhealaich a lathair, e fhein agus an Rtmaire agus am Fear-
deilbh san airde-tuath; agus bhruidhinn iad uile mu chiiisean
a’ Mhoid, agus mar bu choir ullachadh a dheanamh fa a chomair.
Gu dearbh chan fhaca duine riamh cruinneachadh bu chridheile
agus bu deonaich a dhol an ceann grama na bha a h-uile duine
a bha an lathair an oidhche ud.
Tha Meur sheasmhach de ’n Chomunn Ghaidhealach an
Obaireadhain agus comhla riutha-san chaidh moran eile a
shonrachadh mar Chomhairle chum gach ullachadh a
dheanamh fa chomhair a’ Mhoid. Tha moran airgid r’ a
chruinneachadh chum am Mod a chur air adhart, agus tha
fhios gun toir muinntir a Chomuinn, agus Gaidheil eile feadh
an t-saoghail mhoir, gach comhnadh is cuideachadh as urrainn
dhaibh do Ghaidheil Obaireadhain.
Tha Clar-eagair a’ Mhoid a nis ullamh, agus gheibhear
leth-bhreac dheth, agus fiosrachadh sam bith eile a thaobh a’
Mh6id, agus mu na comhfharpuisean, bho ’n Riinaire a oifis a’
Chomuinn an Glaschu.
Gu dearbh bidh iomadach siiil air Obaireadhain re na
bliadhna 1946 dh’ fheuch de mar a tha gach ni a’ dol air adhart
fa chomhair Mod Mor na Buadha.
Phaigh e an iuach-aiseig.—Is minic a phaigh na
h-Eileanaich luach-aiseig, agus ged nach robh iad buileach cho
dona dheth ri lonah, ’se gle bheag de chomhfhurtachd a fhuair
iad ’na chois. Bha bataichean nan Eilean iomadach uair ’nan
cuis-naire airson cho beag’s a bha de rum’s de chomhfhurtachd
unnta. lomadach uair, cha robh aite sinidh fhein unnta,
gun ghuth air aite cadail. Cuid dhiubh a bha salach, le faileadh
cha mhor a thachdadh tu.
Gun teagamh tha iad a nis gu maith nas fhearr, agus
moran barrachd comhfhurtachd aig luchd-siubhail na bha aon
uair. Ach chan ’eil bataichean-aiseig taobh siar na Gaidheal-
tachd is nan Eilean maith gu leor fhathast. Tha iad ro bheag,
agus ro shlaodach. Chan ’eil an luchd-siubhail a’ faighinn an
luach bu choir dhaibh air son an airgiod-aiseig, ged a shaoileadh
ar n-athraichean gur h-e a th’ ann siigradh a bhith siubhal orra
an taice ris na frogan bhata air an robh iadsan eolach. Is
maith an comharra, ma tha, gur h-ann nas fhearr a thaobh
comhfhurtachd is luathas a tha na bataichean-aiseig a’ dol.
Tha mi faicinn gu bheil te hr air na stuic airson slighe
Steornabhaigh, te moran nas motha na bha riamh air an
t-slighe sin. Thatar ag cur feum air an sin, on tha truimead
mh6r sluagh air an t-slighe so daonnan, barrachd air na tha do
ghin eile de na h-Eileanan. Nach minic a chunnaic sinn
mnathan is nigheanan, cho maith ri fir, ’na sleitich air briar a’
a’ bhata gun aite aca san caidleadh iad, agus sin ri oidheheannan
gailbheach. Tha feum, mar sin, air bata nas motha agus nas
luaithe. Bheir an te hr so leatha coig ceud (500) duine, agus
thatar ag radh gum bi i nas rumail na gin a bha riamh air an
astur. Bidh coig deug ar fhichead (35) leabaidh chrhbte innte
airson muinntir a cheud luach-aiseig, agus fichead (20) airson
muinntir an treas luach-aiseig. Tha adhartas mor an so air
gin a bha riamh air an astur ud. Agus tha e air gealltainn gum
bi i gu maith nas luaithe na aon a bha air an t-slighe ud a
roimhe. Tha feum air an sin. Is e Uilleam Denny ’s a
Bhraithrean an Dun Bhreatainn a tha ’ga togail. Beannachd
air a claigionn nuair a thig i. F-D.