Skip to main content

‹‹‹ prev (24) AdvertisementsAdvertisements

(26) next ››› Page 18Page 18

(25) Earrann 3, An Dùbhlachd, 1945 -
EDITOR:—Rev. MALCOLM MACLEOD, M.A , Manse of Balquhidder, Lochearnhead, Perthshire, to whom all
literary communications should be addressed. Telephone:—Strathyre 235. Business and other communica¬
tions to 131 West Regent Street, Glasgow. Telephone:—Douglas 1433.
Leabhar XLI.l An Dubhlachd, 1945. [Earrann 3
A’ GHAIDHLIG BHRETONACH.
Is e Breton ainm na meoir sin de ’n chanain
Cheilteacli a thatar a’ bruidhinn am Breatainn Bheag,
an ceann an iar-thuath na Frainge. Tha a’ mheur
so de ’n chanain Cheilteach gu maith cairdeach do
Ghaidhlig na Cuimrich ; tha mi deanamh dheth gu
bheil iad sna h-oghaichean d’ a cheile. Fagaidh sin
cairdeas fad as aig a’ Bhretoin ris a’ Ghaidhlig againn
fhein. Tha iad, tha mi creidsinn, anns na dubh-
oghaichean.
Is e, ma tha, Breton as cainnt mhatharail do ’n
mhor-shluagh a tha ann am Breatainn Bheag na
Frainge, agus mar a tha e nadurrach tha i gle
mhuirneach aca ; ann an seagh moran nas muirniche
na tha ar Gaidhlig fhein againne. Ach tha aobhar
air an sin, mar a chi sinn.
End eile, tha barrachd mhor a’ bruidhinn Bretoin
na tha bruidhinn meur sam bith eile de ’n chanain
Cheilteach. A reir cunntais a rinn muinntir
Bhreatainn Bhig fhein roimh an chogadh tha muillion
agus da cheud mile (1,200,000) ’ga bruidhinn. Tha sin
barrachd air na tha bruidhinn canain Cheilteach sam
bith eile. Tha sin, ma tha, mar so an diugh ged nach d’
fhuair i riamh a bheag de chothrom, no dad idir de
chuideachadh, bho riaghaltas na Frainge. Is ann a
bha e air a chaochladh; is ann a bha iad a’
feuchainn ri cur as di, agus a’ toirt anacothrom dhi
mar chanain, bho nach ’eil fhios cuin. Gnothach
nar.
* * * *
Bha, agus tha, Kiaghaltas na Frainge an aghaidh a
bhith ’ga teagasg anns na sgoilean, ged bha Gaidheil
Bhreatainn Bhig ag guidhe agus ag aslachadh orra sin
a dheanamh bho ’n bhliadhna 1830. Cha do rinn sin
muthadh. Dh’ aindeoin ciod a dheanadh muinntir
Bhreatainn Bhig air son an canain mhathrail cha
tugadh Riaghaltas na Frainge eisdeachd dhaibh.
Bha iad, agus tha e coltach gu bheil iad fhathast,
mar a bha an Riaghaltas againn fhein car greis o
chionn fhada, am beachd gur h-ann a bha da chanain
a bhith an duthaich a chum crqin, gur h-ann a bha e a
roinn an t-sluaigh ’n an da earann, agus mar sin a
chum cron na rioghachd. Ach dh’ ionnsaich an
Riaghaltas againn an leasan, agus fhuair iad a mach
nach ann mar sin a bha idir, ach tur eadar-dhealaichte,
gu bheil claidheamh da fhaobhair moran nas fhearr
agus nas comasaiche na claidheamh aon fhaobhair.
Fhuair iad sin a mach, agus tha fhios aig an t-saoghal
mhor air, nach ’eil sluagh eile am Breatainn, no
eadhon an impireachd mhor Bhreatainn, as eudmhoire
do ’n rioghachd agus as dilse do ’n impireachd na
luchd a da chanain, Gaidheil na h-Alba. Nochd
iad sin sa’ chogadh so, agus nochd iad sa’ chogadh
roimhe sin, gun robh an ceum-toisich aca le an
claidheamh da-fhaobhair. Co nach cuala feadh an
t-saoghail mhoir mu dheidhinn an Roinn Ghaidhealach
de arm Bhreatainn, mu dheidhinn an Leth-cheud
’s a h-Aon, luchd an da chanain, fir claidheamh an
da fhaobhair?
lonnsaicheadh na Frangaich leasan bho ’n sin, ma
bhios iad glic. Tha iad an drasda cearr fad an droma,
le bhith cur sios agus gun a bhith toirt a h-aite
dligheach fhein do Ghaidhlig bhlath, bhlasda, agus
dhuineil, Bhreatainn Bhig.
Agus chan e mhain nach ’eil Riaghaltas na Frainge
a’ toirt a h-aite fhein, agus a dlighe .fhein, do ’n
chanain Bhretonach sna sgoilean, ach tha iad sios
oirre ann an iomadach doigh eile. Sa’ bhliadhna
1905 bha i air a casg a bhith air a cleachdadh ann an
aoradh Dhe sna h-eaglaisean. Nuair a thainig a’
cheud chogadh mor cha robh sluagh eile san Fhraing
a bu sheasmhaiche agus bu dilse air taobh na Frainge
’s a cheartais na Gaidheil Bhreatainn Bhig ; agus
cha robh sluagh eile ann a dh’ fhuiling barrachd na
iad. Ach an deidh sin bha an aon dhimeas agus an
aon anacothrom. air a thoirt do an canain. Bha an
ni cho faicsinneach agus gun do nochd uachdaran
nan Staitean Aonaichte Uilson, agus Lloyd George, an
daimh’s an deagh-ghean ri Gaidheil Bhreatainn Bhig